Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Togalaichean an stèisein a bh' ann roimhe sa Mhòigh, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050498
ÀITE
A' Mhòigh
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais
DEIT
26 Samhain 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20018
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
stèiseanan rèile
Former station buildings at Moy, 2002

Tha togalaichean an stèisein a bh' ann roimhe sa Mhòigh air a bhith nan dachaigh do Niall agus Rut Mantle bho 1999. Tha an àrd-chabhsair na thaigh-chon dha an Husgaidhean Siberianach leis am bith iad a' dol gu co-fharpaisean air cearcall rèiseadh shlaodain chon. Tha a' chàraid ag obrachadh gnothachas fèin-solarachaidh anns an Earrann Mhic an Tòisich fa leth a chaidh a thogail dhan 28mh Ceann-cinnidh de Chlann Chatain ann an 1896. Chaidh an dealbh-camara seo de Niall agus Rut a thogail air taobh a-muigh an dachaigh air 26 An t-Samhain 2002.

Dh'fhosgail an stèisean ann an 1897 nuair a thog Rèile na Gàidhealtachd an earrann eadar Dhrochaid Chàrr agus Deimhidh de Rèile Dhìreach Inbhir Nis & An Aghaidh Mhòir. Chaidh an earrann mu dheireadh den loidhne a chrìochnachadh gus Snaim Allt na Muilne ann an Inbhir Nis air 1 An t-Samhain 1898. Nuair a bha seo deiseil thug e loidhne dhìreach à Inbhir Nis dhan Aghaidh Mhòr. Thàinig Rèile na Gàidhealtachd gu bhith na phàirt den LMS ann an 1923. Dh'òrdaich aithisg Dr Beeching, fo Rèilichean Bhreatainn, gun deigheadh stèiseanan beaga dùthchail a dhùnadh. B' iad Inbhir Nis, Drochaid Chàrr agus An Aghaidh Mhòr na stèiseanan a mhair air an earrann seo den loidhne. Dhùin an stèisean sa Mhòigh ann an 1965. Tha lùib seachnaidh ann fhathast a tha fo smachd fèin-ghluasadach às a' bhogsa chomharran san Aghaidh Mhòr.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Togalaichean an stèisein a bh' ann roimhe sa Mhòigh, 2002

INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais

2000an

rèile; rathaidean iarainn; stèiseanan rèile

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line