Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An sgioba air-bòrd 'Caledonian Sleeper' ScotRail, 2003
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050641
DEIT
Faoilleach 2003
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20019
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
trèanaichean
On-board train crew of the ScotRail Caledonian Sleeper, 2003

Tha Anna Màiri NicIllIosa, ceannard sgiobaidh an 'sleeper' os cionn an sgioba air-bòrd an trèana 'Caledonian Sleeper' ScotRail. Chaidh an dealbh-camara seo dhiubh a thogail ann an càr suidhe an 'sleeper'.

Tha First ScotRail air a bhith a' ruith a' 'Chaledonian Sleeper' bho 2004, agus 's e aon de dà sheirbheis cadail a tha fhathast a' ruith air Lìonra Rèile na RA a th' ann, agus 's e seirbheis 'Night Riviera' aig First Great Western an fear eile. Tha an t-seirbheis a' ceangal Lunnainn ri còig cinn-uidhe ann an Alba - Obar Dheathain, Dùn Èideann, An Gearstan, Glaschu agus Inbhir Nis - sia turais san t-seachdain (a' fàgail gach latha ach oidhche Shathairne) agus tha e cuideachd a' toirt seirbheis dha stèiseanan eatarra. 'S e an 'Deerstalker' a chanar san dualchainnt ri seirbheis A' Ghearastain.

Tha seirbheis a' 'Chaledonian Sleeper' a' fàgail Lunnain mar aon thrèana tràth air an fheasgar airson Inbhir Nis, Obar Dheathain agus An Gearastan, agus tha i a' siubhal gu tuath air prìomh loidhne an Oirthir an Iar. An dèidh Lunnainn fhàgail tha an t-serbheis a' stad ann an Crewe agus Preston. Tha an trèana a' ruighinn Waverley ann an Dùn Èideann mu shia uairean gu leth an dèidh sin, far a bheil i air a sgaradh na trì trènaichean eadar-dhealaichte a tha a' dol a dh'Obar Dheathain, Inbhir Nis agus dhan Ghearastan. Tha na trèanaichean sin a' stad aig stèiseanan air an t-slighe mus ruig iad an cinn-uidhe.

A' dol gu deas, tha trì trèanaichean cadail fa leth a' fàgail A' Ghearastain, Inbhir Nis agus Obar Dheathain, a' stad aig stèiseanan air an t-slighe, agus tha iad a' tighinn comhla mar aon thrèana aig Waverley ann an Dùn Èideann mus lean iad orra air an slighe air prìomh loidhne an Oirthir an Iar taobh Preston agus Crewe gu Euston ann an Lunnainn.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An sgioba air-bòrd 'Caledonian Sleeper' ScotRail, 2003

2000an

rèile; rathaidean iarainn; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line