Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba air-bòrd an 'Highland Chieftain' aig GNER, 2003
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050642
DEIT
Faoilleach 2003
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20020
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
trèanaichean
On-board train crew of the GNER 'Highland Chieftain', 2003

Chaidh an dealbh-camara seo den sgioba air-bòrd a thogail anns a' chàr bìdh san Fhaoiilleach 2003. Anns an sgioba tha Manaidsear Seirbheis Luchd-ceannach, Ailig Elliot, Còcaire Stiùbhart Gillon, Luch-cuideachaidh Seirbheis Luchd-ceannach Cairistiona Kelly agus Pòl Griffiths. Còmhla 's iad an sgioba a' fàgail agus a' tilleadh à Inbhir Nis gu Dùn Èideann.

Tha an 'Highland Chieftain air a bhith air a ruith le National Express East Coast bhon Dùbhlachd 2007. 'S e seirbheis làitheil a th' ann a tha a' ruith eadar Inbhir Nis agus Crois an Rìgh ann an Lunnainn, agus 's e aon den bheagan sheirbheisean a tha a' tabhann càr bìdh dha a luchd-ceannach. Tha an t-slighe air aon den fheadhainn as fhaide ann am Breatainn aig 935km (581 mìle) agus tha ùine an turais beagan agus ochd uairean a thìde. Am measg nan slighean nas fhaide air an lìonra rèile, tha an 'Caledonian Sleeper' air a ruith le National Express East Coast, agus an t-seirbheis trèana eadar Penzance agus Dùn Dèagh a tha air a ruith le CrossCountry, a tha a' gabhail a-steach 1,135 km (705 mìle)

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba air-bòrd an 'Highland Chieftain' aig GNER, 2003

2000an

rèile; rathaidean iarainn; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line