Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba cumail suas seirbheis a' 'Chaledonian Sleepr' ann an Inbhir Nis, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080537
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1 An t-Iuchar 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20023
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
The Caledonian Sleeper service maintenance crew at Inverness, 1997

Chaidh an Dealbh-camara seo de sgioba cumail suas seirbheis a' 'Chaledonian Sleeper' anns a' bhùth-obrach ann an Inbhir Nis a thogail san Iuchar 1997. Tha an sgioba a' dèanamh cinnteach gu bheil na carbadan ann an deagh staid airson an turais tron oidhche à Inbhir Nis gu Euston ann an Lunnainn.

Tha First ScotRail air a bhith a' ruith a' 'Chaledonian Sleeper' bho 2004, agus 's e aon de dhà sheirbheis cadail a tha fhathast a' ruith air Lìonra Rèile na RA a th' ann, agus 's e seirbheis 'Night Riviera' aig First Great Western an fear eile. Tha an t-seirbheis a' ceangal Lunnainn ri còig cinn-uidhe ann an Alba - Obar Dheathain, Dùn Èideann, An Gearastan, Glaschu agus Inbhir Nis - sia turais san t-seachdain (a' fàgail gach latha ach oidhche Shathairne) agus tha e cuideachd a' toirt seirbheis dha stèiseanan eatarra. 'S e an 'Deerstalker' a chanar san dualchainnt ri seirbheis A' Ghearastain.

Tha seirbheis a' 'Chaledonian Sleeper' a' fàgail Lunnain mar aon thrèana tràth air an fheasgar airson Inbhir Nis, Obar Dheathain agus An Gearastan, agus tha i a' siubhal gu tuath air prìomh loidhne an Oirthir an Iar. An dèidh Lunnainn fhàgail tha an t-serbheis a' stad ann an Crewe agus Preston. Tha an trèana a' ruighinn Waverley ann an Dùn Èideann mu shia uairean gu leth an dèidh sin, far a bheil i air a sgaradh na trì trèanaichean eadar-dhealaichte a tha a' dol a dh'Obar Dheathain, Inbhir Nis agus dhan Ghearastan. Tha na trèanaichean sin a' stad aig stèiseanan air an t-slighe mus ruig iad an cinn-uidhe.

A' dol gu deas, tha trì trèanaichean cadail fa leth a' fàgail A' Ghearastain, Inbhir Nis agus Obar Dheathain, a' stad aig stèiseanan air an t-slighe, agus tha iad a' tighinn còmhla mar aon thrèana aig Waverley ann an Dùn Èideann mus lean iad orra air an slighe air prìomh loidhne an Oirthir an Iar taobh Preston agus Crewe gu Euston ann an Lunnainn.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba cumail suas seirbheis a' 'Chaledonian Sleepr' ann an Inbhir Nis, 1997

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

rèile; rathaidean-iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line