Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach Bogsa Chomharran Inbhir Nis
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080540
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
An Cèitean 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20026
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
Staff of Inverness Signal Box, 1997

Dealbh-camara a chaidh a thogail sa Chèitean 1997 de bhuill de sgioba chomharran Railtrack (Netoek Rail an-diugh) ann am Bogsa Chomharran Inbhir Nis. Tha am bogsa a' cumail smachd air comharrachadh Bloc Comharra Rèidio Eileagtronaigeach (RETB) airson an dà chuid an Loidhne a Tuath agus Loidhne a' Chaoil. Tha smachd aige cuideachd air pairt den t-slighe chomharran airson prìomh loidhne na Gàidhealtachd agus an loidhne gu Obar Dheathain.

Ro RETB bha smachd air a chumail air an Loidhne a Tuath, loidhne shingilte, fhada, iomallach eadar Inbhir Nis, Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa, le innealan comharra eileagtronaigeach traidiseanta aig gach stèisean ach san Fhaoilleach 1978 chaidh an t-slighe de phòlaichean teileagraf nan comharran a thoirt sìos le droch shìde thar 60 cilemeatair (40 mìile) den loidhne. B' e rèidio an dòigh bu shìmplidh, bu shaoire agus bu luaithe air na ceanglaichean a dhèanamh a-rithist eadar na h-innealan, 's mar sin chaidh smachdair air an taobh a-muigh a chur ris gach inneal anns an robh còd meanbh ghnìomh-inneal sònraichte gus an robh buaidh ceangal èifeachdadh chun an inneil aig ceann eile an earrainn air a chumail suas. Lean daoine orra a' toirt chomharran mar a bha iad a' dèanamh roimhe. B' e an ath cheum deuchainn a dhèanamh le bhith a' gluasad nan innealan bho bhogsaichean chomharran anns an robh daoine gu cabaichean thrèanaichean. B' e an loidhne à Inbhir Pheofharain chun an iar gu Caol Loch Aillse an loidhne a chaidh a thaghadh airson na deuchainn seo. Chaidh cùmhnant a chur na àite le Westinghouse agus chaidh tòiseachadh a' cleachdadh an t-siostam air 28 An Dàmhair 1984, le uidheam smachd stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain. Thar an ath cheithir bliadhna chaidh an smachd a ghluasad gu Inbhir Nis agus chaidh loidhne Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa a thoirt a-steach dhan sgeama. Dhùin seo na bogsaichean chomharran air na loidhnichean agus cha robh daoine tuilleadh a' toirt chomharran dha na dràibhearan.

Tha an RETB ag obarachadh le na dràibhearan ag innse gu bheil iad air ruighinn aig an ionad iomlaid chomharran, a' cur an t-suidheachaidh chun an neach-chomharran le rèidio, agus tha e ag iarraidh a' chomharra airson an ath earrann den loidhne. Ma tha an neach-chomharran ann an suidheachadh far an urrainn dha sin a dhèanamh, bheir e seachad an comharra eileagtronaigeach airson na h-earrainn a tha roimhe. Aig an aon àm, feumaidh an dràibhear putan obrachadh air uidheam ann an caba na trèana gus an comharra fhaighinn. Tha an comharra an uair sin air a chraoladh chun na trèana le rèidio. Tha an coimpiutair a tha a' cumail smachd air an t-siostam a' cur bacadh air gluasadan nach eil a rèir a chèile.

Anns an aon dòigh ris an t-siostam thaidiseanta, nuair a bhiodh comharra le ainm na h-earrainn air a ghràbhaladh agus air a ghiùlan sa chaba, tha an comharra eileagtronaigeach air a thaisbeanadh le ainm air uidheam na trèana. 'S e an comharra seo an t-ùghdarras a bhith air an loidhne shingilte, agus chan fhaodar a thoirt far na trèana gus an toir an dràibhear cead. An dèidh dha an comharra fhaighinn tha an dràibhear an uair sin a' faighinn cead air a labhairt a dhol seachad air a' bhòrd stad agus a dhol a-steach dhan earrainn sin; tha am bòrd stad air a chleachdadh an àite chomharran agus mar sin chan fheum e solar dealain. Tha 'inductor' Siostam Rabhaidh Fèin-ghluasadach (AWS) singilte buan air a' bhòrd astar stèidhichte air an t-slighe a-steach a tha a' toirt rabhadh sa chab, ge bith dè an t-òrdugh a thug am bogsa chomharran agus feumar a dhubhadh a-mach nuair a thèidear seachad air. Faodar an loidhne air fad obrachadh le neach-chomharran no a dhà agus chan fheum e mòran bun-structair a thuilleadh air an loidhne fhèin, agus tha seo a' dèanamh na cosgais glè èifeachdach.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach Bogsa Chomharran Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

rèile; rathaidean-iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line