Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dà thrèana seirbheis a' coinneachadh aig stèisean Srath Carran, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080549
ÀITE
Srath Charrain
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
DEIT
Màrt 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20035
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
trèanaichean
stèiseanan
Two service trains meet at Strathcarron station, 1997

Dealbh-camara a chaidh a thogail sa Mhàrt 1997 den ScotRail Clas 156 446 à Inbhir Nis agus an ScotRail Clas 156 474 à Caol Loch Aillse a' coinneachadh aig stèisean Srath Carrann. Tha clàr-ama nan trèanaichean sin air an cur air dòigh gus an ruig iad taobh a-staigh mionaidean de chèile. 'S e Srath Carrann aon de na beagan àiteachan air loidhne a' Chaoil, a tha na loidhne shingilte sa mhòr-chuid, far a bheil lùb seachnaidh.

Dh'fhosgail an stèisean ann an Srath Carrann ann an 1870 nuair a chrìochnaich Companaidh Rèile Inbhir Pheofharain & An Eilean Sgitheanaich an loidhne gu Port an t-Sròim. B' e aon de na stèiseanan tùsail air an loidhne a bh' ann agus tha na togalaichean coltach ris an fheadhain aig Ach na Sìne agus Gairbh a tha cuideachd a' dol air ais gu nuair a dh'fhosgail an loidhne. Tha an lùb seachnaidh an seo air a dealbhachadh gus am faigh trèanaichean a' gliùlan bàtaichean-iasgaich seachadh air a chèile. Dhùin am bogsa chomharran an ear ann an 1984 nuair a thàinig am bogsa an iar gu bhith na bhogsa geata gus an deach atharrachadh gu bacaidhean fèin-ghluasadach. 'S e an seann bhogsa chomharran airson Srath Carran an Iar a th' anns an togalach air an àrd-chabhsair a' dol chun an iar agus 's e seòmar feitheimh a th' ann a-nis. Chaidh drochaid coise an stèisein a thogail le Fùirneis Sràid an Ròis, Inbhir Nis, agus chaidh a cur ris ann an 1900.

Nuair a thàinig an càr gu bhith na mhodh siubhail àbhaisteach san RA, dh'fhuiling an rèile, agus chrìon an trafaig air loidhne a' Chaoil gu mòr chun na h-ìre 's gun do bheachdaich luchd-stiùiridh an rèile am b' fiach a chumail fosgailte. Chomharraich Dr Beeching an loidhne airson a dùnadh ann an 1963 ach cha do thachair sin. Ann an 1970 bha dùil gun dùnadh an loidhne a-rithist ach chaidh a dhol an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin ann an 1974. Chunnaic an dà chuid Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath àrdachadh ann an trafaig rèile nuair a bha obair na h-ola aig a h-àirde. An-diugh tha iad nan ceangal cudromach do choimhearsnachdan iomallach agus tha iad a' tàladh luchd-turais.

Tha Srath Carrann aig Ceann Loch Carrann. 'S e loch mara fada a th' anns an loch agus tha an loch agus an sgìre a' toirt an ainmean bho Abhainn Carrann.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dà thrèana seirbheis a' coinneachadh aig stèisean Srath Carran, 1997

ROS: Loch Carrann

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; trèanaichean; stèiseanan

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line