Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àrd-chabhsair Ghlinne Carrainn, a b' àbhaist a bhith na stad prìobhaideach airson Loidse Ghlinn Carrainn, ann an 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080551
ÀITE
Gleann Carrann
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
DEIT
1 Lùnastal 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20037
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
Glencarron Platform, the former private halt for Glen Carron Lodge, in 1997

Dealbh-camara a chaidh a thogail san Lùnastal 1997 de Àrd-chabhsair Ghleann Carrann, a b' àbhaist a bhith na stad prìobhaideach airson Loidse Ghleann Carrann, a chaidh fhosgladh ann an 1872 agus a chaidh a dhùnadh ann an 1964 agus bha trèanaichean a' stad an sin chun an àm sin. B' e an stèisean prìobhaideach airson an Loidse a bh' ann agus chaidh a thogail dha Seadha Ghleann Carrann agus bha àrd-chabhsair singilte ann le comharran semaphore a bha air an obrachadh leis an luchd-siubhail ma bha iad ag iarraidh air an trèana a bha a' tighinn stad. Chan aontaicheadh cuid de dh'uachdarain an rèile a leigeil air am fearann mura togadh an companaidh rèile stadan prìobhaideach a dh'fhaodadh iad a chleachdadh.

B' e neach-siubhail Bhictòrianach a bha annasach na dòighean, uasal, Albannach, seanmhair, neach-sòisealta Mayfair, stalcair-fèidh, iasgair agus gàirnealair comasach, Muslamach agus neach-labhairt Arabais a bha a' fuireach ann an Loidse Ghleann Carrann a bh' anns a' Bhean-uasal Evelyn "Zainab" (Mhoireach) Cobbold, an nighean bu shine aig an t-7mh Iarla Dhùn Mhòir. Ann an 1933, aig aois 65, choisinn i cliù mòr nuair a b' i a' chiad bhoireannach Muslamach a rugadh ann am Breatainn a rinn an taistealachd (Hajj) gu Mecca. Tha cunntas mun turas anns an leabhar aice 'Pilgrimage to Mecca' a chaidh fhoillseachadh ann an 1934. Bhàsaich i ann an 1963, aig aois 95, agus tha i air a tiodhlaiceadh a rèir riaghailtean Islam, agus mar a bha i air iarraidh, air leathad aonranach air oighreachd Ghleann Carrann. Nochd cunntas mun tiodhlaiceadh ann an Ahmadiyya Urdu 'Paighan Sulh' Lahore leis a' cheann-latha 13 An Gearran 1963 air a sgrìobhadh le Maulana Yaqub Khan a bha na Cheannard air Misean Mhuslamach Woking aig an àm. Chaidh an tiodhlacadh a ghabhail le Imam na misein, Maulana Shaikh Muhammad Tufail agus ghabh e àite air feasgar 31 Am Faoilleach 1963. Dh'iarr a' Bhean-uasal Cobbold, na miannan, nach robh ministear Crìosdail ri bhith aig an tiodhlaiceadh aice, bha ùrnaighean an tiodhlacaidh ri bhith air an labhairt ann an Arabais agus gun robh i ri bhith air a tiodhlacadh le a h-aghaidh gu Mecca agus gun robh na facail a leanas ri bhith air an snaidheadh air a clach-uaighe ann an Arabais, 'Allahu nur-us-samawati wal ard'. Tha na facail sin às a' Quaran Choisigte ca.24 r. 35 agus tha iad a' ciallachadh: "'S e Allah an solas anns na nèamhan agus air thalamh".

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àrd-chabhsair Ghlinne Carrainn, a b' àbhaist a bhith na stad prìobhaideach airson Loidse Ghlinn Carrainn, ann an 1997

ROS: Loch Carrann

1990an

rèile; rathaidean-iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line