Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Steisean Chaol Loch Aillse 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080553
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
Am Màrt 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20039
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
stèiseanan
Kyle of Lochalsh station, 1997

Chaidh an Dealbh-camara seo de ScotRail Clas 156 aig stèisean Chaol Loch Aillse a thogail sa Mhart 1997.

Chaidh an 63 mìle de rèile à Inbhir Pheofharain gu Caol Loch Aillse fhosgladh air 2 An t-Samhain 1897, ged a dh'fhosgail a' chiad earrann à Inbhir Pheofharain gu Port an t-Sròim air 19 An Lùnastal 1870. Bha an gluasad gus am pìos a bharrachd a thogail airson a dhol an aghaidh planaichean Rèile Bhreatainn a Tuath, Rèile an Iar na Gàidhealachd a leudachadh chun an oirthir an iar. Thug an earrann mu dheireadh cho fada a' faighinn aonta togail air sgàth 's gum feumadh einnseanairean agus luchd-obrach 29 drochaid a thogail, gearradh tro 31 earrann de chreag chruaidh aig cosgais chuibheasach £20,000 gach mìle. Ann an 1893 thòisich am pròiseact eadar Port an t-Sròim agus An Caol leis an obair ga dhèanamh le Companaidh Rèile na Gàidhealtachd agus a chunnradairean. Thug e 80 nabhaidh faisg air ceithir bliadhna gus an obair a chrìochnachadh, obair a chaidh a chur air bhonn an toiseach le Companaidh Rèile Inbhir Pheofharain & An Eilean Sgitheanaich. Aig an àm b' e an rèile bu daoire a chaidh a-riamh a thogail. Dh'fheumaist an làrach aig stèisean Caol Loch Aillse a spreadhadh à creag chruaidh agus chaidh fhosgladh, còmhla ris a' chidhe, ann an 1897. Chaidh ramp airson beathaichean a thogail gus am b' urrainn dha na beathaichean a bhith air am buachailleachd far na trèana gu bàtaichean a bha a' feitheamh. Às an seo bha aiseagan a' ceangal an Eilean Sgitheanaich ri tìr-mòr anns A' Chaol, a' dèanamh ceann-uidhe ùr dha Rèile Inbhir Pheofharain & An Eilean Sgitheanaich, a bha airson 27 bliadhna roimhe sin suidhichte aig Port an t-Sròim far an robh seirbheis bàta-smùide a' ruith dhan Eilean Sgitheanach agus gu Steòrnabhagh ann an Leòdhas ann an Innse Gall. Chaidh an cidhe sa Chaol a ghluasad nuair a chaidh aiseagan stoidhle ro-ro a thoirt a-steach. Nuair a dh'fhosgail Drochaid an Eilean Sgitheanaich air 16 An Dàmhair 1995, stad na h-aiseagan uile gu lèir.

Mus tàinig an rèile, cha robh barrachd air trì taighean anns A' Chaol. Air latha a' chiad trèana, chuireadh an t-ainm nas fhaide Caol Loch Aiillse air a' bhàgh. B' e làrach achadh uaine a bh' anns a' Chaol. Dh'fheumaist baile a thogail dha luchd-obrach an rèile, nam measg sin taigh-òsta, bùthan, leabharlann agus àiteachan còmhnaidh.

Bha clàr-tionndaidh agus seada einnsein air taobh a-muigh an stèisein aig an stèisean. An dèidh an stèisean bha an loidhne air an roinn na trì ri taobh a' bhogsa chomharran. Bha aon de na loidhnichean sin a' dol gu cidhe an stèisein. Bha àrd-chabhsair eilean leathann aig an stèisean air cidhe le togalach stèisein aon làr air a thogail ann an stoidhle bothan Eilbheiseach, An-diugh tha an dà chuid an rèile agus iomairt prìobhaideach anns an togalach. Tha bùth agus taisbeanadh aig Caraidean Loidhne a' Chaoil ann am pàirt den togalach.

Nuair a thàinig an càr gu bhith na mhodh siubhail àbhaisteach san RA, dh'fhuiling an rèile, agus chrìon an trafaig air loidhne a' Chaoil gu mòr chun na h-ìre 's gun do bheachdaich luchd-stiùiridh an rèile am b' fiach a chumail fosgailte. Chomharraich Dr Beeching an loidhne airson a dùnadh ann an 1963 ach cha do thachair sin. Ann an 1970 bha dùil gun dùnadh an loidhne a-rithist ach chaidh a dhol an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin ann an 1974. Chunnaic an dà chuid Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath àrdachadh ann an trafaig rèile nuair a bha obair na h-ola aig a h-àirde. An-diugh tha iad nan ceangal cudromach do choimhearsnachdan iomallach agus tha iad a' tàladh luchd-turais.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Steisean Chaol Loch Aillse 1997

ROS: Loch Aillse

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; stèiseanan

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line