Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Carrann às A' Phloc, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080557
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
Ògmhios 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20043
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
Loch Carron from Plockton, 1997

Dealbh-camara de Lach Carrann às A' Phloc a chaidh a thogail san Ògmhios 1997.

Rè nan 1700an b' e Am Ploc a bh' air an tuineachadh ris an canar Am Ploc an-diugh agus b' e croitearachd am prìomh ghnìomhachas. Ach, air sgàth Fuadach nan Gàidheal, thàinig am baile gu bhith na àite far an robh an fheadhainn a chaidh fhuadach far am fearann a' dol air bòrd shoithichean. An dèidh sin b' e baile iasgaich soirbheachail a bh' anns A' Phloc.

Chaidh Am Ploc a chur a-mach mar bhaile nua-aimsireil dha Morair Shìophoirt mu 1794. Ann an 1808, thug uachdaran ùr na h-oighearachd, Sir Ùisdean MacAonghais taighean ùra don luchd-gabhaltais aige a chaidh am fuadach, an seo. Airson iomadh bliadhna, rinn iad am beò-shlaint bho iasgach agus togail bhàtaichean. Cheannaich Sir Alasdair MacMhathain Oighreachd Loch Aillse ann 1851 agus grunnan bhiadhnaichean an dèidh sin thog e Caisteal Dhùn na Creige a' coimhead thar a' bhàigh. Tha cliù aig A' Phloc airson a ghnàth-shìde mheasarra a tha air a chruthachadh le Sruth a' Chamais agus le sin tha craobhan pailme a' soirbheachadh ris a' chladach.

Tha loch-mara Loch Carrann còig mìle a dh'fhaid agus trì chairteal a mhìle tarsainn agus tha i a' ruith bhon ear-thuath chun an iar-dheas, a' sruthadh tron chaolas aig Port an t-Sròim. Tha bailtean Loch Carran agus Gleann Carrain shuidhichte aig ceann an locha, dachaigh Frìth Ach na Sheileach, Tha beanntan Thoirbheartan agus na Comraich faisg air làimh.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Carrann às A' Phloc, 1997

ROS: Loch Aillse

1990an

rèile; rathaidean-iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line