Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stad Dhùn na Creige ga leasachadh, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080558
ÀITE
Dùn Creige
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
Dàmhair 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20044
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
Duncraig Halt being refurbished, 1997

An stad beag aig Dùn na Creige, faisg air A' Phloc fo leasachadh san Dàmhair 1997.

Chan aontaicheadh cuid de dh'uachdarain an rèile a leigeil air am fearann mura togadh an companaidh rèile stadan prìobhaideach a dh'fhaodadh iad a chleachdadh. 'S e an stèisean aig Dùn na Creige aon de na stadan beaga sin air loidhne A' Chaoil agus tha seòmar feitheamh ochd-thaobhach sònraichte ann. Chaidh Stad Dhùn na Creige, mar a bha air, a thogail ann an 1866 le Sir Alasdair MacMhathain agus air a dhealbhachadh le Alasdair Ros. Bha MacMhathain air Oighreachd Loch Aillse a cheannach ann an 1851. B' ann aig Sir Daniel is Baintighearna Hamilton a bha Dùn na Creige nuair a chaidh òrdugh-solair a chur air ann an 1939 airson a chleachdadh mar ospadal dhan Chabhlach Rìoghail rè a' chogaidh. An dèidh do Shir Daniel Hamilton bàsachadh, thug a' Bhaintighearna Hamilton an caisteal is na bh' ann don ùghdarras foghlaim, a chum a chleachdadh mar cholaiste airson eòlas-dachaigh dha nigheanan. Bha a' cholaiste a' dol gu 1989. Bha an caisteal an uair sin falamh grunnan bhliadhnaichean mus deach a reic ri neach-seilbhe prìobhaideach ann an 2003. Chaidh an stad fhosgladh dhan phoball air 23 An Cèitean 1949 agus chaidh Ath-ainmeachadh Dùn na Creige le Rèile Bhreatainn san t-Sultain 1962.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stad Dhùn na Creige ga leasachadh, 1997

ROS: Loch Aillse

1990an

rèile; rathaidean-iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line