Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèana seirbhis a' tighinn dlùth air Acha na Sìne, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080559
ÀITE
Ach na Sìne
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
DEIT
Màrt 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20045
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
trèanaichean
A service train approaching Achnasheen, 1997

Chaidh an Dealbh-camara seo de thrèana seirbheis meadhan-latha ScotRail Clas 156 a' stad aig stèisean Acha na Sìne a thogail sa Mhàrt 1997. Chaidh an stèisean a thogail le Companaidh Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilean Sgitheanaich agus chaidh fhosgladh ann an 1870. 'S e aon de na stèiseanan tùsail air loidhne A' Chaoil còmhla ri na stèiseanan ann an Gairbh agus Srath Carrann a th' ann. Thog an companaidh Taigh-òsta Acha na Sìne ri tabh an àrd-chabhsair chun an ear ach chaidh an togalach a sgrios le teine ann an 1996. Tha e a-nis air a leagail ri talamh. Dh'fhosgail an stèisean le seòmraichean ùrachaidh a bha stèidhichte san taigh-òsta. Tha stoidhle togalach na stèisein coltach ris an fheadhainn ann an Gairbh agus Srath Carrann. Tha lùib seachnaidh aig an stèisean agus chaidh a dhealbhachadh gus am faigheadh trèanaichean a bha luchdaichte le bàtaichean-iasgaich seachad air a chèile. An-diugh, 's e aon den bheagan lùibean seachnaidh air loidhne A' Chaoil a th' ann.

Coltach ris a' chuid bu mhotha de stèiseanan air Rèile na Gàidhealtachd, bha dà bhogsa chomharran aig Acha na Sìne cuideachd (fear aig gach ceann den lùib seachnaidh) ach cha robh an fheadhainn aig Acha na Sìne aig gach ceann den stèisean. Bha Acha na Sìne an Iar nas fhaisge air an àrd-chabhsaire agus bha smachd aige air earrann an stèisein. Aig ceann eile an lùib bha Acha na Sìne an Ear a bha na b' fhaide bhon stèisean na Acha na Sìne an Iar. Ged a bha iad coltach nan dealbhadh, bha na bogsaichean de dhiofar mheudan a' comharrachadh an seòrsa frèaman luamhain a bha annta. A rèir modhan obrachaidh Rèile na Gàidhealtachd, cha robh duine ag obair sna bogsaichean san dòigh àbhaisteach, oir bha iad air an obrachadh barrachd ann an seagh frèam talmhainn. Bha an dà bhogsa ag obrachadh le luamhain gun lìomhadh bùird lom agus gu sònraichte às aonais àirneis. Bha na h-ionnsramaidean comharrachaidh ann an oifis nan tiogaidean, còmhla ri frèam dà luamhan a bha a' cur a' chomharra tòiseachaidh air an loidhne shingilte gach taobh. Cha robh an neach-chomharran a' tadhal air na bogsaichean ach airson na puingean a sheatadh agus na comharran a shaoradh. Bha na bogsaichean de dhealbhadh an dèidh 1875 MacCoinnich & Holland, an companaidh a bha a' toirt chomharran dhan loidhne cho fada ri 1894, ach leis an fheart fa leth a bhuineadh dha Rèile na Gàidhealtachd le bùird le stialan-fiodha. Chaidh na bosaichean aig Acha na Sìne a dhùnadh ann an 1984 nuair a chaidh comharran Bloc Comharra Rèidio Eileagtronaigeach (RETB) a thoirt a-steach air an loidhne agus bha smachd air bhon bhogsa chomharran ann an Inbhir Nis.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèana seirbhis a' tighinn dlùth air Acha na Sìne, 1997

ROS: Cunndainn

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line