Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèana seirbheis a' tighinn dlùth air Acha na Sìne, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080560
ÀITE
Ach na Sìne
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
DEIT
Cèitean 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20046
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
trèanaichean
A service train approaching Achnasheen, 1997

Chaidh an Dealbh-camara seo de thrèana seirbheis ScotRail Clas 156 a' tighinn dlùth air stisean Acha na Sìne a thogail sa Chèitean 1997. 'S e seo aon den bheagan lùibean seachnaidh air loidhne A' Chaoil, a tha sa mhòr-chuid na loidhne shingilte.

Air a thogail le Companaidh Rèile Inbhir Pheofharain & An Eilein Sgitheanaich, chaidh an stèisean fhosgladh ann an 1870. 'S e aon de na stèiseanan tùsail air loidhne A' Chaoil còmhla ri na stèiseanan ann an Gairbh agus Srath Carrann a th' ann. Thog an companaidh Taigh-òsta Acha na Sìne ri tabh an àrd-chabhsair chun an ear ach chaidh an togalach a sgrios le teine ann an 1996. Tha e a-nis air a leagail ri talamh. Dh'fhosgail an stèisean le seòmraichean ùrachaidh a bha stèidhichte san taigh-òsta. Tha stoidhle togalach na stèisein coltach ris an fheadhainn ann an Gairbh agus Srath Carrann. Tha lùib seachnaidh aig an stèisean agus chaidh a dhealbhachadh gus am faigheadh trèanaichean a bha luchdaichte le bàtaichean-iasgaich seachad air a chèile. An-diugh, 's e aon den bheagan lùibean seachnaidh air loidhne A' Chaoil a tha sa mhòr-chuid na loidhne shingilte a th' ann.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèana seirbheis a' tighinn dlùth air Acha na Sìne, 1997

ROS: Cunndainn

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line