Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bob Simpson, a b' àbhaist a bhith na dhràibhear trèana, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080562
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
Ògmhios 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20048
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
Former train driver, Bob Simpson, 1997

Dealbh-camara de dhràibhear trèana a leig dheth a dhreuchd, Bob Simpson nach maireann aig aois 93 a chaidh a thogail san Ògmhios 1997 aig an dachaigh chluaineis aig an Dòrnaidh ri taobh Loch Dubhthaich far an robh e a' fuireach. B' e Bob an neach-obrach mu dheireadh aig Companaidh Rèile na Gàidhealachd, a bha ag obrachadh seirbheisean air loidhne A' Chaoil bho 1871 gu 1922, a mhair beò.

Thòisich Bob air a chùrsa-beatha air an rèile mar neach-glanaidh ann am Farrais, Siorrachd Mhoireibh, ann an 1919 aig aois ceithir deug. Chaidh cur às dhan dreuchd aige nuair a thàinig grunnan chompanaidhean rèile còmhla ann an 1923 gus Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba (LMS) a chruthachadh. Chaidh a ghluaasad gu dreuchd eile ann an Inbhir Nis a-rithist mar neach-glanaidh. Bha a bhith a' glanadh einnseanan na obair shalach agus b' e an 'sguad dubh' am far-ainm a bha air an luchd-glanaidh. An dèidh Inbhir Nis ghluais e gu Caol Loch Aillse agus thàinig e gu bhith na smàladair ann an 1930. Ann an 1939 phasaig e mar dhràibhear, dreuchd a ghleidh e gus an do leig e dheth a dhreuchd bho Rèile Bhreatainn sa Mhàrt 1968 an dèidh 49 bliadhna de sheirbheis.

Chaidh a ghairm mar ghaisgeach ann an 1953 nuair a sheachainn e mòr-thubaist dìreach gu tuath air Port an t-Sròim le bhith a' stad einnsean beagan throighean ro maoim-slèibhe, a' sàbhaladh an trèana bho thighinn far na rèile agus a dhol do dh'uisgeachan Loch Carrann. Chaidh na carbadan a shlaodadh air ais dhan Chaol agus chaidh an t-einnsean a tharraing air falbh le crann-togail.

Rè an Dàrna Cogaidh bha e a' dràibheadh trèanaichean air an Loidhne a Tuath agus bha e an sàs ann an dleastanas shònraichte aig àm a' chogaidh ris an canar trèanaichean 'hush hush'. Aon turas, dìreach an dèidh dhan chabhlach Ghearmailteach a bhith air an cumail a-mach à Scapa Flow, dhràibh e trèana, a thàinig bho thùs à Lunnainn, à Inbhir Nis gu Inbhir Theòrsa. Bha geàrd armaichte air a' phleit-coise còmhla ris. Air an t-slighe gu Inbhir Theòrsa bha tachartas air an loidhne faisg air Brùra a thug air an trèana stad. Gu h-obann chaidh an trèana a chuairteachadh le saighdearan armaichte agus dh'fhuirich iad an sin gus an deach innse gun robh an t-slighe saor airson an trèana cumail oirre gu tuath. An dèidh an turais bha Bob san ospadal le teasach eanchainn. Nuair a bha e a' leughadh a' phàipeir beagan sheachdainean an dèidh sin leugh e aithisg gun robh Winston Churchill agus Caibineat a' Chogaidh air a bhith ann an Scapa Flow gus dìon na cabhlaich a sgrùdadh. Thuig Bob gur e seo an trèana a bha esan air a bhith a' dràibheadh.

Air an latha a leig e dheth a dhreuchd sa Mhàrt 1968 thug e an trèana a-steach do stèeisean A' Chaoil airson an uair mu dheireadh, agus bha sluagh mòr air cruinneachadh an sin gus slàn a leigeil leis agus cluaineas sona a ghuidhe dha.

Air 3 An t-Samhainn 1997, b' e Bob Simpson an t-aoigh urramach aig ScotRail aig an t-seirbheis cuimhneachaidh ceud bliadhna a chaidh a chumail aig stèisean Chaol Loch Aillse. Dh'fhoillsich Bob, agus tha e air a chuimhneachadh air, an clàr cuimhneachaidh ceud bliadhna a tha suidhichte san stèisean.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bob Simpson, a b' àbhaist a bhith na dhràibhear trèana, 1997

ROS: Loch Aillse

1990an

rèile; rathaidean-iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line