Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buill de sgioba air-bòrd an'Royal Scotsman', 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080575
DEIT
1 Iuchar 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20060
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
trèanaichean
Members of 'The Royal Scotsman' onboard crew, 1997

Dealbh-camara a chaidh a thogail san Iuchar 1997 de sgioba air-bòrd an 'Royal Scotsman' nan suidhe anns a' chàr amhairc an dèidh dhan trèana fastaidh sònraichte seo an oidhche a chur seachad aig stèisean Chaol Loch Aillse.

'S ann le Taighean-òsta, Trèanaichean agus Turais-mara Orient Express a tha an 'Royal Scotsman' agus air a h-obrachadh le Companaidh Rèile Alba & an Iar, a tha a' tabhan àite-fuirich taigh-òsta a' gluasad dha aoighean air bòrd. Tha naoi càraichean (carbadan) anns an treana a tha air an dèanamh suas den chàr amhairc, càraichean bidhe aon agus a a dhà, còig càrbadan stàite agus aon chàr criutha. Chaidh an càr amhairc fosgailte aig a cheann atharrachadh bhon chàr cidsin Pullman, Snipe. Chaidh a thogail bho thùs le Comapnaidh Carbad & Cairt-rèile Metropolitan-Cammell, agus thàinig e dhan t-seirbheis ann an 1961 mar chàr cidsin a' chiad chlas. Chaidh an càr a cheannach bho neach-seilbh prìobhaideach ann an 1989 agus chaidh atharrachadh gu mar a tha e an-dràsta.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buill de sgioba air-bòrd an'Royal Scotsman', 1997

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line