Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach a' Phuist Rìoghail aig Sach na Sìne, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080576
ÀITE
Ach na Sìne
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
DEIT
Ògmhios 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20061
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
am post rìoghail
Royal Mail staff at Achnasheen, 1997

Dealbh-camara a chaidh a thogail san Ògmhios 1997 de cheann-postachd Ach na Sìne, Jill Davenport, agus dràibhear bus a' phuist, Gill Beamer, nam feitheamh ri taobh bus a' phuist air taobh a-muigh stèisean Ach na Sìne. Tha clàr-ama nam busaichean sin a' ceangal a-steach ri bhith a' coinneachadh trèana seirbheis ScotRail à Caol Loch Aillse. 'S e seo aon den dà oifis puist a tha suidhichte ann an stèisean air loidhne Chaol Loch Aillse, leis an tèile aig Srath Carrann.

Tha bus a' phuist na phàirt de shiostam còmhdhail aonaichte na sgìre agus tha iad a' toirt ceangal cudromach le bhith a' togail agus a' tighinn leis a' phost, agus daoine, gu na ceàrnaidhean mun cuairt.

Thòisich seirbheis bus a' phuirt, a tha air a ruith leis a' Phost Rìoghail, ann an 1967 gus àite seirbheisean rèile agus bus a bha a' crìonadh gu luath ann an sgìrean dùthchail a ghabhail. Ann an 2006, bha còrr agus 200 seirbheis a' ruith uair no a dhà san latha. 'S e an t-seirbheis an aon seòrsa chòmhdhail poblach a tha ri fhaotainn ann an cuid de dh'àiteachan. Am measg nam prìomh cheàrnaidhean anns a bheil e a' ruith tha Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba, Dail Siorrachd Iorc agus ceann an iar-dheas na h-Alba.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach a' Phuist Rìoghail aig Sach na Sìne, 1997

ROS: Cunndainn

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; am post rìoghail

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line