Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach aig taigh-staile Ghlinn an Ùird sa Bhlàr Dhubh, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080581
ÀITE
Am Blàr Dubh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Urrath
DEIT
1 An Lùnastal 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20066
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
taighean-staile
uisge-beatha
Staff of the Glen Ord distillery at Muir of Ord, 1997

Dealbh-camara a chaidh a thogail san Lùnastal 1997 de Bharabal Ogilvy, manaidsear an ionad turasachd, còmhla ri pàirt den sgioba san t-seòmar staile air Taigh-staile Ghlinn an Ùird anns a' Bhlàr Dhubh.

Tha Muilleann an Ùird, beagan an iar air Tarbhdail, air cliù a chosnadh airson an uisge-beatha neo-cheadaichte a bhathas a' dèanamh. Ann an 1838 chaidh an obair a dhèanamh laghail agus chaidh a chruth-atharrachadh gu Taigh-staile Ghlinn an Ùird nuair a thug an t-uachdaran ionadail, Tòmas MacCoinnich, fearann air mhàl gus an taigh-staile a thogail. B' e an t-amas a bh' aige obair a thoirt dha muinntir an àite fad na bliadhna agus margaid airson an eòrna aige. Dh'fhàs e gu luath gu bhith na thaigh-staile cudromach a' dèanamh 363,680 liotairean (80,000 galan) gach bliadhna ro 1885. On uair sin, tha an taigh-staile air a bhith le diofar dhaoine aig amannan eadar-dhealaichte. Chaidh a dhùnadh rè an dà chogadh gus eòrna a ghleidheadh airson biadh.

'S e Taigh-staile Ghinn an Ùird, an aon taigh-staoile a tha air fhàgail san Eilean Dhubh, ann an Gàidhealtachd na h-Alba, a tha a' dèanamh mac na braiche. Tha e suidhichte 29 cilemeatair (18 mìle) an iar 's an iar-thuath air Inbhir Nis aig ceann an iar Linne na Manachainn. Chithear an taigh-staile bhon trèana a' siubhal a-null an loidhne.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach aig taigh-staile Ghlinn an Ùird sa Bhlàr Dhubh, 1997

ROS: Urrath

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; taighean-staile; uisge-beatha

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line