Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceannard-calaidh Chaol Loch Aillse, Seonaidh MacRath, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080583
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
1 An Lùnastal 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20068
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
calaidhean
Kyle of Lochalsh harbourmaster, John Macrea, 1997

Dealbh-camara de cheannard-calaidh Chaol Loch Aillse, Seonaidh MacrRath, a chaidh a thogail san Lùnastal 1997.

'S e prìomh phort airson oirthir an iar Gàidhealtachd a th' ann an cala a' Chaoil. Tha cidheachan ann dhan Chabhlach Rìoghail agus a bàtaichean taice, dha bàtaichean-iasgaich mòra agus bàtaichean beaga turais-mara, dha gheataichean agus bàtaichean cur-seachad agus cuideachd cidhe pontùnan seusain air bhog airson bàtaichean nas lugha agus airson na bàtaichean a tha ag obrachadh turais ionadail dha luchd-turais.

'S ann an seo a tha loidhne A' Chaoil. Chaidh làrach an stèisein fhèin a spreadhadh às a' chreig airson a thoirt sìos gu ìre na mara. Leis na cidheachan fìor mhòr a chaidh a thogail, b' urrainn dha bàtaichean luchd-siubhail agus bathair a làimhseachadh gu bith dè an tìde-mhara. Bha an ramp ruigsinneachd a chaidh a thogail tro mheadhan a' chidhe a' leigeil le beathaichean a bhith air am buachailleachd air bòrd shoithichean. Tha an ceangal còmhdhail seo eadar an aon slighe air tìr chun an oirthir an ear agus prìomh slighe mara an oirthir an iar air leth cudromach ann a bhith a' leasachadh cala A' Chaoil. Tha baile Chaol Àcainn san Eilean Sgitheanach air taobh thall na mara aig bonn Beinn na Caillich. B' ann eadar cidhe port Chaol Àcainn agus cidhe A' Chaoil a bha an t-aiseag a' seòladh. Tha na cidheachan a bha air an cleachdadh aig aon àm le càraichean, an-diugh a' toirt goireasan cur air bhog dha bataichean chur-seachadan agus cur air tìr bathair.

Thòisich an loidhne an rèile fhèin ann an 1897. Nuair a thàinig an càr gu bhith na mhodh siubhail àbhaisteachd sa RA, dh'fhuiling an rèile, agus tuit an trafaig air loidhne a' Chaoil gu mòr chun na h-ìre 's gun do bheachdaich luchd-stiùiridh an rèile am b' fiach a chunail fosgailte. Chomharraich Dr Beeching an loidhne airson a dùnadh ann an 1963 ach cha do thachair sin. Ann an 1970 bha dùil gun dùnadh an loidhne a-rithist ach chaidh a dhol an aghaidh a'cho-dhùnaidh sin ann an 1974. Chunnaic an dà chuid Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath àrdachadh ann an trafaig rèile nuair a bha obair na h-ola aig a h-àirde. An-diugh tha iad nan ceangal cudromach do choimhearsnachdan iomallach agus tha iad a' tàladh luchd-turais.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceannard-calaidh Chaol Loch Aillse, Seonaidh MacRath, 1997

ROS: Loch Aillse

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; calaidhean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line