Ùrachadh mu Dheireadh 21/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach Taigh-òsta an stèisein, Am Blàr Dubh, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080585
ÀITE
Am Blàr Dubh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Urrath
DEIT
1 Iuchar 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20070
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
taighean-òsta
Staff of the Station Hotel, Muir of Ord, 1997

Suidhichte air taobh a-muigh an stèisein anns A' Bhlàr Dhubh tha Taigh -òsta an Stèisein. Anns an Dealbh-camara seo a chaidh a thogail san Iuchar 1997, tha fear an taigh agus bean an taighe, Iain agus Irene Camshron nan seasamh air taobh a-muigh an togalaich le buill den sgioba.

Ann an 1862 thog Rèile Inbhir Nis agus Siorrachd Rois stèisean aig Trabhdal, ach dh'ainmich iad an stèisean Am Blàr Dubh, an dèidh làrach nam fèilltean chruidh a bha a ir an cumail mu mhìle gu deas air Tarbhdal. Ann an ùine ghoirid cha mhòr gu robh cuimhne air Tarbhdal, agus b' e Am Blàr Dubh a bha air an tuineachadh a lìon na beàrnan eadar taigh-staile Ghlinn an Ùird, stèisean nan trèanaoichean agus làrach nam fèilltean mean air mhean.

Air 1 Am Faoilleach 1948 ghabh Coimisean Còmhdhail Bhreatainn thairis grunnan dhusan taigh-òsta bho na companaidhean rèile prìobhaideach agus dh'ath-ainmich iad iad mar Thaighean-òsta Còmhdhail Bhreatainn (BTH). Ghabh iad thairis cuideachd earrann bìdhe air rèile: seòmraichean ùrachaidh sna stèiseanan agus seirbheis taigh-bìdh/buffet air trèanaichean. Ged a bha mòran de thaighean-òsta an rèile ri taobh prìomh stèiseanan, bha feadhainn eile mar Gleann na h-Eagalise agus Moretonhampstead nan cinn-uidhe air an leth, pàirt de ro-innleachd chompanaidh an rèile gus iarrtas air an seirbheis a chruthachadh.

Bha Taighean-òsta Còmhdhail Bhreatainn (BTH) ag obrachadh bho 1953 agus 1983 agus cha do dh'fhàs an companaidh a bha annan seilbh na stàite, agus bha tasgadh ann am maoin nan taighean-òsta na prìomhachas an ìre mhath ìosal dha BTH. Bha an t-adhbhar na phàirt a thaobh ionmhas fhad 's a bha an rèile a' strì ri structar calpa neo-sheasmhach agus teachd-a-steach a bha a' dol sìos a thoirt ri chèile.

Anns na 1980an ràinig an riaghaltas Tòraidheach an co-dhùnadh na gnothachasan aig Rèile Bhreatainn nach robh aig cridhe a' chompanaidh a chur dhan roinn phrìobhaideach (einnseanaireachd; taighean-òsta, togalaichean agus giùlain). Chaidh Taighean-òsta Còmhdhail Bhreatainn a reic mean air mhean eadar 1981 agus 1983. An-diugh tha na taighean-òsta fhathast ag obrachadh fo dhiofar luchd-seilbhe.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach Taigh-òsta an stèisein, Am Blàr Dubh, 1997

ROS: Urrath

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; taighean-òsta

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line