Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach An Taigh-bìdh Biadh-mara, An Caol, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080588
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
1 Iuchar 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20073
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
stèiseanan
taighean-bìdh
Staff of The Seafood Restaurant, Kyle, 1997

Tha An Taigh-bìdh Biadh-mara suidhichte ann am pàirt de seann thogalaichean an stèisein ann an Caol Loch Aillse. San Dealbh-camara seo a chaidh a thogail san Iuchar 1997, tha pàirt den sgioba luchd-obrach air cruinneachadh san taigh-bìdh.

Dh'fhosgail an stèisean ann an 1897 nuair a chaidh loidhne A' Chaoil a chrìochnachadh. Tha togalach stèisein air aon làr air a thogail ann an stoidhle bothan Eibheiseach, An-diugh tha an dà chuid an rèile agus iomairt prìobhaideach anns an togalach.

Mus tàinig an rèile, cha robh barrachd air trì taighean anns A' Chaol. Air latha a' chiad trèana, chuireadh an t-ainm as fhaide Caol Loch Aiillse air a' bhàgh. B' e làrach achadh uaine a bh' anns a' Chaol. Dh'fheumaist baile a thogail dha luchd-obrach an rèile, nam measg sin taigh-òsta, bùthan, leabharlann agus àiteachan còmhnaidh.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach An Taigh-bìdh Biadh-mara, An Caol, 1997

ROS: Loch Aillse

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; stèiseanan; taighean-bìdh

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line