Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach aig an West Highland Free Press, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080592
ÀITE
An t-Àth Leathann
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
DEIT
1 An Lùnastal 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20077
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
pàipearan-naidheachd
naidheachdas
Staff of The West Highland Free Press, 1997

Dealbh-camara a chaidh a thogail san Lùnastal 1997 den neach-deasachaidh, Iain MacCarmaig agus luchd-obrach an West Highland Free Press ann an seòmar nan naidheachdan san Àth Leathann, An t-Eilean Sgitheanach.

Chaidh am West Highland Free Press a stèidheachadh ann an 1972 mar phàipear seachdaineach. Tha geàrr-chunntas air prìomhachasan a' phàipeir san t-sluagh-ghairm Gàidhlig fo ainm a' phàipeir: 'An Tìr, an Cànan 's na Daoine'. Tha an sluagh-ghairm air a thoirt air iasad bho Lìg Fearainn na Gàidhealtachd a bha a' strì gu cudromach airson tèarainteachd gabhaltais fhaighinn dha na croitearan san naoidheamh linn deug. Tha cùis an fhearainn fhathaast aig cridhe poilitigs am Free Press. Far a bheil uachdranachas prìobhaideach ann fhathast, tha a' chonnspaid bhunaiteach de dh'ùidhean fhathast ann agus tha seo ri fhaicinn ann am mòran de na sgeulachdan air a bheil am pàiiear air aithris a dhèanamh thar nam bliadhnachan. Tha am pàipear gu gnìomhach an aghaidh mì-roinn uachdranas fearainn a tha air a mheas mar chùis san roinn, agus tha e aire taobh còirichean coimhearsnachan ionadail agus daoine fa leth. Tha am pàipear cuideachd air taobh na Gàidhlig, an dà chuid le bhith a' toirt taic phoilitigeach dhi agus le bhith a' foillseachadh barrachd Gàidhlig sgrìobhte na pàipear-naidheachd sam bith eile. Thar a' chiad 25 bliadhna, thathas air adhartas a dhèanamh ann a bhith a' leasachadh inbhe a' chànain, agus gu h-àraidh ann an solar foghlaim. Tràth anns na 1970an bha am beachd aon fhacal Gàidhlig a' nochdadh air soidhnichean na mhallachadh dha ùghdarrasan ionadail a bha aig an àm sin fo smachd nan uachdarain. An-diugh thathas a' gabhail ri soidhnichean dà-chànanach no fiù 's soidhnichean sa Ghàidhlig a-mhàin.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach aig an West Highland Free Press, 1997

INBHIR NIS: An Srath

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; pàipearan-naidheachd; naidheachdas

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line