Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Iain MacLeòid, fiotair-dràibhear aig stèisean cumhachd Loch Lùicheirt, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080596
ÀITE
Loch Luicheart
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
DEIT
Cèitean 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20081
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
dealan-uisge
Ian MacLeod, a fitter-driver at Lochluichart power station, 1997

Dealbh-camara a chaidh a thogail sa Chèitean 1997 de Iain MacLeòid, fiotair-dràbhear aig stèisean cumhachd Dealan-Uisge Ach a' Mhonaidh aig Loch Lùicheart. Leig e dheth a dhreuchd an dèidh 40 bliadhna de sheirbheis an dèidh dha athair a leantainn dhan ghnìomhachas. Chaidh e am measg an luchd-obrach aig Ach a' Mhonaidh nuair a chaidh a choimiseanadh ann an 1954.

B' e Ach a' Mhonaidh aon de na ciad sgeamachan dealan-uisge ann am Breatainn agus air sgàth a thogail dh'fheuaist loidhne A' Chaoil a ghluasad gu talamh na b' àirde gus ìrean tuileachaidh ann an Loch Lùicheart a sheachnadh. Chaidh stèisean ùr a thogail cuideachd agus chaidh a fosgladh ann an 1954. Dhùin an stèisean do thafaig bathair air 27 Am Faoilleach 1964 a' fàgail na trèanaichean seirbheis a-mhàin, agus tha iad fhathast a' stad ann an-diugh. Chaidh an t-seann stèisean fhosgladh dhan phoball ann an1872 agus roimhe sin b' e àrd-chabhsair prìobhaideach a bh' ann dhan Bhean-uasal Ashburton air oighreachd Loidse Loch Lùicheirt.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iain MacLeòid, fiotair-dràibhear aig stèisean cumhachd Loch Lùicheirt, 1997

ROS: Cunndainn

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; dealan-uisge

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line