Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Comataidh Caraidean loidhne A' Chaoil, 1997
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080597
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
1 An t-Iuchar 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20082
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
Committee of the Friends of the Kyle line, 1997

Dealbh-camara a chaidh a thogail san Iuchar 1997 de Roni Miller, rianadair, agus Tòmas Caimbeul, rùnaire Caraidean loidhne A' Chaoil nan seasamh air an leathad os cionn stèisean Caol Loch Aillse.

Chaidh Caraidean loidhe A' Chaoil a stèidheachadh an toiseach gus an loidhne a shàbhaladh bho dhùnadh leis a' phrìomh amas a dìon agus dèanamh cinnteach gum maireadh i san àm ri teachd. Chaidh an trafaig air an loidhne sìos gu mòr nuair a chaidh tòiseachadh a' cleachdadh chàraichean gu mòr. Ràinig e an ìre far an do bheachdaich luchd-stiùiridh an rèile am b' fiach a chumail fosgailte. Chomharraich Dr Beeching an loidhne airson a dùnadh ann an 1963 ach cha do thachair sin. Ann an 1970 bha dùil gun dùnadh an loidhne a-rithist ach chaidh a dhol an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin ann an 1974. Chunnaic an dà chuid Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath àrdachadh ann an trafaig rèile nuair a bha obair na h-ola aig a h-àirde. An-diugh tha iad nan ceangal cudromach do choimhearsnachdan iomallach agus tha iad a' tàladh luchd-turais.

An-diugh, tha prìomh oifis nan caraidean suidhichte ann an togalaichean an stèisein sa Chaol. An seo tha iad a' roinn an togalaich leis an rèile agus iomairt prìobhaideach.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Comataidh Caraidean loidhne A' Chaoil, 1997

ROS: Loch Aillse

1990an

rèile; rathaidean-iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line