Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealbhadairean agus luchd-obrach aig Taigh-òsta Srath Carrann
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_KL_DS080598
ÀITE
Srath Charrain
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
DEIT
1 An Lùnastal 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20083
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
taighean-òsta
Owners and staff of the Strathcarron Hotel, 1997

Dealbh-camara a chaidh a thogail san Lùnastal 1997 de dh'fhear agus bean an taighe, Iain agus Lyn Cliffordd le cuid de an sgioba luchd-obrach nan seasamh air taobh a-muigh Taigh-òsta Srath Carrann aig stèisean Srath Carrann. Dh'fhosgail an taigh-òsta mar thaigh-òsta stèisein nuair a thàinig an rèile ann an 1870.

Air 1 Am Faoilleach 1948 ghabh Coimisean Còmhdhail Bhreatainn thairis grunnan dhusan taigh-òsta bho na companaidhean rèile prìobhaideach agus dh'ath-ainmich iad iad mar Thaighean-òsta Còmhdhail Bhreatainn( BTH). Ghabh iad thairis cuideachd earrann bìdhe air rèile: seòmraichean ùrachaidh sna stèiseanan agus seirbheis taigh-bìdh/buffet air trèanaichean. Ged a bha mòran de thaighean-òsta an rèile ri taobh prìomh stèiseanan, bha feadhainn eile mar Gleann na h-Eagalise agus Moretonhampstead nan cinn-uidhe air an leth, pàirt de ro-innleachd chompanaidh an rèile gus iarrtas air an seirbheis a chruthachadh.

Bha Taighean-òsta Còmhdhail Bhreatainn (BTH) ag obrachadh bho 1953 agus 1983 agus cha do dh'fhàs an companaidh a bha ann an seilbh na stàite, agus bha tasgadh ann am maoin nan taighean-òsta na prìomhachas an ìire mhath ìosal dha BTH. Bha an t-adhbhar na phàirt a thaobh ionmhas fhad 's a bha an rèile a' strì ri structar calpa neo-sheasmhach agus teachd-a-steach a bha a' dol sìos a thoirt ri chèile.

Anns na 1980an ràinig an riaghaltas Tòraidheach an co-dhùnadh na gnothachasan aig Rèile Bhreatainn nach robh aig cridhe a' chompanaidh a chur dhan roinn phrìobhaideach (einnseanaireachd; taighean-òsta, togalaichean agus giùlain). Chaidh Taighean-òsta Còmhdhail Bhreatainn a reic mean air mhean eadar 1981 agus 1983. An-diugh tha na taighean-òsta fhathast ag obrachadh fo dhiofar luchd-seilbhe.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a 'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-suirbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chrombaigh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealbhadairean agus luchd-obrach aig Taigh-òsta Srath Carrann

ROS: Loch Carrann

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; taighean-òsta

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Kyle Line