Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' pìobaireachd na Taigeis
EXTERNAL ID
PAN2_25
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20100
KEYWORDS
pìobaireachd
còmhlan pìobaireachd
Piping in the Haggis

Còmhla Pìoba Nighean Inbhir Nis a' pìobaireachd na taigeis a-steach gu Suipear Bhurns ann an Caisteal Inbhir Nis. 'S i Sheila Reid as àirde dhe na pìobairean agus 's i Seasaidh Chuimeineach an tè eile.

Tha Suipeirean Burns air an cumail mar dhòigh air cuimhneachadh air beatha agus obair a' Bhàird Raibeart Burns. Thòisich an cleachdadh le caraidean dlùth do Bhurns beagan bhliadhnaichean an dèidh dha bàsachadh ann an 1796 mar dhòigh air cuimhne a chumail air. Tha an t-Suipear a' tòiseachadh le fàilte bhon chathraiche agus tha seo air a leantail le 'Alltachadh Sailcirc':

Some hae meat and canna eat.
Some wad eat that want it:
But we hae meat and we can eat,
And sae the Lord be thanket.

Tha iomadh dreach ann de dh' Altachadh Shailcirc. Tha seo bho Thionndadh Chille Mheàrnaig.

Thathar an uairsin ag iarraidh air a h-uile duine seasamh airson na taigeis. Tha pìobaire a' coiseachd ron chòcaire, a tha a' giùlan na taigeis, chun a' phrìomh bhùird. Tha na h-aoighean a' bualadh am basan gu slaodach fhad 's a tha iad a' coiseachd. Thathar ag aithris dàn Burns, 'To A Haggis' agus nuair a tha iad a' tighinn chun na loidhne "an cut you up wi' ready slight" tha an taigeis ga gearradh. Bidh na h-aoighean a' bualadh am basan airson an òraidiche agus tha iad an uairsin a' seasamh agus ag òl deoch-slàinte na taigeis le glainne uisge-beatha

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' pìobaireachd na Taigeis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

pìobaireachd; còmhlan pìobaireachd

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son