Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Crusader' ga cur ann an Loch Nis
EXTERNAL ID
PAN3_35
ÀITE
Loch Nis
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
An t-Sultain 1952
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20128
KEYWORDS
bàtaichean
Iain Cobb
Crusader
Loch Nis
Gleann Urchaidh
bàtaichean-luaths
'Crusader' being lowered into Loch Ness

San t-Sultainn 1952 dh'fheuch Iain Cobb, marsanta bèin à Lunnainn, ri bhith na bu luaithe air uisge na bha duine riamh.

Bha 31 troigh de dh'fhaid sa bhàta aige 'Crusader', agus chaidh a togail le alman agus bòrd-mara. Bha einnsean-spùta oirre a dh'fhaodadh 5000 punnd neirt a dhèanamh. Mus robh e eadhon san uisge chosg e còrr is £15,000. A thaobh na h-oidhirp seo dh'fheumadh Iain Cobb 'Crusader' a stiùireadh dà uair fad mìle air cùrsaichean fa chomhair a chèile agus bhiodh luaths an dà sgrìob air obrachadh a-mach.

An dèidh ùine mhòr a' feitheamh ri soirbheas, rinn Iain Cobb oidhirp air an 29 Sultainn 1952. Shiubhail 'Crusader' a' chiad mìle aig còrr is 200msu ach nuair a chuireadh maille oirre, leum i dà uair agus bhris i às a chèile. Fhuaradh corp Iain Cobb gun dàil ach bha e marbh mus do ràinig iad an cladach. Chuireadh càrn-cuimhne suas dha le muinntir Ghlinn Urchaidh ri taobh an A82, trì mìle gu leth deas air Druim na Drochaid.

Ged a b' e Iain Cobb am fear bu luaithe air an uisge direach mus do chaochail e, chan eil an t-oidhirp a' cunntas seach nach do rinn e an dara sgrìob.

Bha iomadh beachd ann a thaobh na thachair. Bha beachd gun do spreadh an t-einnsean, no gun do chuir Cobb maille air a' bhàta ro luath aig deireadh a' chiad sgrìob. Thuirteadh cuideachd gun do bhuail cuartagan 'Crusader', a rinneadh leis an t-sruth no le bàta eile, a chur na leum i

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Crusader' ga cur ann an Loch Nis

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1950an

bàtaichean; Iain Cobb; Crusader; Loch Nis; Gleann Urchaidh; bàtaichean-luaths

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son