Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ciudha airson reòiteagan aig Pàirc a' Choinneachaidh mu Thuath, 1950an
EXTERNAL ID
PAN7_1
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20235
KEYWORDS
Cruinneachadh a Tuath
pàircean
tachartasan
Ice-cream queue at the Northern Meeting Park, 1950s

Chaidh Comann a' Choinneachaidh mu Thuath a chur air bhonn an Inbhir Nis ann an 1788 airson diofar ghnìomhachasan sòisealta is eile a bhrosnachadh, nam measg farpaisean pìobaireachd, dannsaichean is Geamachan Gàidhealach. Ann an 1822 thug an Comann taic airgid seachad airson geamachan Gàidhealach a chumail ann an Dùn Eathain Craoibhe. A h-uile bliadhna an dèidh 1837 bha na geamachan seo ann agus ann an 1864 chaidh Pàirc a' Choinneachaidh mu Thuath a thogail air Sràid Àird Ros airson nan geamachan. Chaidh na geamachan a chumail an sin gu ruig toiseach an Dàrna Cogaidh. Ann an 1946 chaidh Pàirc a' Choinneachaidh mu Thuath a reic ri Comhairle Bhuirgh Inbhir Nis. Às dèidh sin 's ann ann am Pàirc nam Bochd a chaidh na geamachan Gàidhealach a chumail, ged a bhiodh prìomh fharpaisean na pìobaireachd ann fa leth.

A' bhliadhna sa (2010) tha Geamachan Gàidhealach Cathair-bhaile Inbhir Nis a' tilleadh do Phàirc a' Choinneachaidh mu Thuath

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ciudha airson reòiteagan aig Pàirc a' Choinneachaidh mu Thuath, 1950an

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

Cruinneachadh a Tuath; pàircean; tachartasan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son