Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dannsairean Gàidhealach
EXTERNAL ID
PAN8_11
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20281
KEYWORDS
Geamannan Gàidhealach
Èideadh Gàidhealach
dannsa
Highland Dancers

Dannsairean Gàidhealach ri co-fharpais ann an Geamannan Inbhir Nis ann am Pàirc nam Bochd (Bught). Tha danns Gàidhealach am measg an t-seòrsa de dhanns dhualchais as sine. A' dol air ais chun a' chiad neo an dara linn deug, bha Dannsaichean Gàidhealach na h-Alba nan dannsan fireann lùthmhor, subhach, air neo nan dannsan cogaidh air an dèanamh thairis air claidhmhnean agus sgiathan le dealgain orra. Thathar a' creidsinn gu robh sean rìghrean agus cinn-cinnidh na h-Alba a' cleachdadh nan Geamannan Gàidhealach mar dhòigh air a bhith a' taghadh nam fir a b'fheàrr agus bhiodh iad sin a' frithealach orra fhèin agus nam fir armachd aca. B' e dannsa Gàidhealach aon dhòigh air neart, smior, cinnteachd agus sùbailteachd a thomhas. Bhiodh rèisimeidean armailteach Albannach a' cleachdadh dannsa Ghàidhealaich mar dhòigh trèinidh gus smior agus sùbailteachd a leasachadh, ach chan eil seo cho cumanta anns an latha an-diugh.

Thòisich dannsa Gàidhealach farpaiseach aig àm an dùsgaidh Ghàidhealaich ri linn Bhictoria ann am Breatainn, agus cha robh e ach airson fireannaich a-mhàin. Cha robh boireannaich ri farpais gu toiseach na linne seo. Thar nam bliadhnaichean tha an stoidhle danns' air fàs nas grinne. Ged bha dannsa Gàidhealach airson fir a-mhàin ann an eachdraidh, 's e boireannaich as motha a tha ga dhèanamh an-diugh

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dannsairean Gàidhealach

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

Geamannan Gàidhealach; Èideadh Gàidhealach; dannsa

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son