Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HMS Vanguard ann an Inbhir Ghòrdain
EXTERNAL ID
PAN_9_35
ÀITE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Cuithne
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20314
KEYWORDS
nèibhi
bàtaichean-cogaidh
togail bhàtaichean
Inbhir Ghòrdain
An Cabhlach Rìoghail
soithichean
gàrraidhean-shoithichean
HMS Vanguard at Invergordon

Bha an t-ainm 'Vanguard' trìc air bàtaichean cogaidh tro na bliadhnaichean. B' e an HMS Vanguard an seo am bàta cogaidh bu mhotha a chaidh a thogail ann am Breatainn a-riamh. Bha 814 troigh de dh' fhaid innte agus 45,000 tonna de chuideam. Chaidh a cur air bhog ann an gàrradh-shoithichean Iain MacGilleDhuinn ann am Bruach Chluaidh air an 30mh dhen t-Samhain 1944.

Bha HMS Vanguard suidhichte ann am Portsmouth ach bhathas a' cleachdadh Inbhir Ghòrdain gu math tric. Bha ochd gunnaichean 15 òirleach oirre agus na h-innealan a b'ùire a bh'ann aig an àm an aghaidh plèanaichean cogaidh. Chaidh HMS Vanguard a tharraing à Portsmouth gu Faslane, air A' Gheàrr Loch, ann an 1960 far an deach a toirt às a chèile. Cha deach na gunnaichean a losgadh ach dà uair a-riamh agus sin gun a dhol gu cogadh.

'S e bàt-aigeinn de chlas Vanguard air a bheil an t-ainm HMS Vanguard an latha an-diugh, agus tha i suidhichte aig Ionad an Nèibhi air Abhainn Chluaidh aig Faslane

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HMS Vanguard ann an Inbhir Ghòrdain

ROS: Ros Cuithne

1950an

nèibhi; bàtaichean-cogaidh; togail bhàtaichean; Inbhir Ghòrdain; An Cabhlach Rìoghail; soithichean; gàrraidhean-shoithichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son