Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Iall a' sgrùdadh Caismeachd Crìochnachaidh ann an Armlann nan Camshronach, 1954
EXTERNAL ID
PAN_10_49
ÀITE
Dùn Deòrsa
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àird nan Saor
DEIT
1954
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20338
KEYWORDS
saighdearan
Lochiel inspects a Passing-out Parade at the Depot of The Queen's Own Cameron Highlanders, 1954

Bha dlùth cheangail ann eadar Gàidheil Chamshronach na Banrigh agus Clann Camshron, agus bha trì ginealachdan de Chinn-cinnidh Chamshronach nan saighdearan anns an Rèisimeid. Anns an dealbh seo, chithear Dòmhnall Seumas Camshron, fear Loch Iall, an 26mh Ceann-cinnidh agus e a' sgrùdadh na Caismeachd Crìochnachaidh aig a' 15mh buidheann de shaighdearan ùra aig Armlann na Rèisimeid aig Gearastan nan Camshronach ann an 1954. Chithear an Ceannard Armlainn, am Màidsear Niall Mac a' Bhàird OBE air an taobh dheas. Aig an àm sin, bha Loch Iall na bhall den 4mh/5mh Buidheann-chatha (Feachd na Dùthcha) de na Camshronaich. Bha e na cheannard air a' Bhuidheann-chatha eadar 1955 agus 1957. Às dèidh sin, bha e na Còirnealair Urramach air a' Bhuidheann-chatha, agus air a' Bhuidheann-chatha a chaidh a chur na h-àite, 51mh Saor-thoilich na Gàidhealtachd, fad 18 bliadhna. Rinneadh Ridire a' Chluarain dheth ann an 1973 agus bha e na Neach-ionaid a' Chrùin airson Siorrachd Inbhir Nis eadar 1971 agus 1985. Chaochail an Còirnealair Sir Dòmhnall Camshron, fear Loch Iall, KG, CVO, TD anns a' Chèitean 2004 agus e 93 bliadhna a dh'aois.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Iall a' sgrùdadh Caismeachd Crìochnachaidh ann an Armlann nan Camshronach, 1954

INBHIR NIS: Àird nan Saor

1950an

saighdearan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son