Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Croladh aig Muilinn an Rìgh
EXTERNAL ID
PAN_11_54
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an; 1960an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20359
KEYWORDS
croladh
Curling at Kingsmills

Chaneil fhios cò às a thàinig croladh, ged a tha an ceann-latha 1511 air a' chiad leac crolaidh a chaidh a lorg faisg air Struighle. Ann an 1838 chaidh Àrd Chomann Crolaidh Chaledonian (Comann Crolaidh Rìoghail Chaledonia an dèidh sin) a chur air chois airson riaghailtean foirmeil a stèidheachadh. Chaidh Comann Crolaidh Inbhir Nis a chur air chois ann an 1898 agus chaidh gabhail riutha ann an Comann Crolaidh Rìoghail Chaledonia an ath bhliadhna. Bha an raon cluich aca aig Muileann an Rìgh. Rè sèasan 1922-3 cha robh cothrom cluiche aca ach 3 latha , seo an àireamh làithean bu lugha a chaidh a chlàradh a-riamh. Ann an 1946-7 bha 53 latha aca a' cluiche, gu math nas àirde na an àireamh chumanta de 12 gu 18.

Tha leacan crolaidh an latha an-diugh 30 cm de leathad agus 11 cm de dh'àirde. Tha iad air an dèanamh de chloich-ghràin agus tha faisg air naoi cilegram de chuideam annta. Tha slighe nan leac air an raon air a stiùireadh le na cluicheadairean agus iad a' sguabadh na deigh air a beulaibh. Tha seo a' dèanamh na deigh nas sleamhainne, a' glanadh air falbh duslach sam bith agus a' stiùireadh cùrsa na cloiche. 'S e am prìomh amas na clachan agad fhaighinn nas fhaisg air làraich shònraichte air an deigh (am putan) na gheibh an duine a tha a' cluich nad aghaidh

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Croladh aig Muilinn an Rìgh

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an; 1960an

croladh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son