Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' sealltainn air Sràid an Ròis, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PAN_11_73
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20362
KEYWORDS
Sràid an Ròis
Togalaichean Mhilne
Fùirneis Sràid an Ròis
Looking towards Rose Street, in Inverness

A' sealltainn gu Sràid an Ròis, Inbhir Nis. B' e Togalaichean Mhilne a chanadh iad ris na togalaichean air an taobh chlì agus bha Fùirneis Sràid an Ròis air taobh eile Sràid an Ròis, pìos air falbh.

Chaidh an fhùirneis a stèidheachadh ann an 1872. 'S e 'The Northern Agricultural Implement and Foundry Company Limited' a bh' air an toiseach. A thuilleadh air innealan àiteachais a dhèanamh, bhathar ag obair air Rèile na Gàidhealtachd is a' dèanamh obair-iarainn airson thogalaichean a bh' air an deilbh leis an ailtire Alasdair Ros. Aig àm an Dàrna Cogaidh bha pàirt riatanach aig a' chompanaidh, air an robh an t-ainm ' A-I Electric Welding Machines Ltd' , ann an soirbheachas nan D-Day Landings seach gun tug iad seachad na h-innealan-tàthaidh a chaidh a chleachdadh ann an 'Operation PLUTO (Pipe Line Under The Ocean)'. Bha an loidhne-pìoba, le còrr is 100,000 tàth, air a thoinneamh timcheall air druma mòr is air a sgaoileadh fon uisge eadar Breatann agus an Fhraing gus stòras connaidh a thoirt gu na Feachdan Aonaichte.

Chaidh ainm an Rose Street Foundry & Engineering Co. Ltd. atharrachadh gu A I Welders agus ann an 1945 chaidh atharrachadh a-rithist gu Resistance Welders Ltd.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' sealltainn air Sràid an Ròis, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

Sràid an Ròis; Togalaichean Mhilne; Fùirneis Sràid an Ròis

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son