Ùrachadh mu Dheireadh 11/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Spòrs san t-sneachd ann an Deimhidh
EXTERNAL ID
PAN_12_59
ÀITE
Deimhidh
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Deimhidh 's Dùn Fhlicheadaidh
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20383
KEYWORDS
Deimhidh
Tuathanas na Creige Mòire
Seumas Nairn
sgoiltean
The Snow Kids at Daviot

Chòrd an dealbh seo ri sgioba A' Bhaile cho mòr 's gun do chleachd sinn i air a' chairt Nollaig againn ann an 2002. Le cuideachadh bho na pàipearan naidheachd ionadail lorg sinn an triùir chloinne agus thug sinn còmhla iad anns an oifis againn ann an Inbhir Nis. Gu fortanach dhuinne cha robh còmhstri sam bith bhon òige ri chur ceart agus chòrd an latha rinn math dha rìreabh.
'S e Iain Mac a' Phearsain bho Thuathanas na Creige Mòire am balach air an làimh dheis. Ghabh Iain thairis gnìomhachas an teaghlaich agus tha e ag obair air an tuathanas fhathast. 'S e nighean mhaighstir an stèisein ann an Deimhidh a bh'ann an Sheila NicAoidh. 'S ann le Seumas Nairn, dealbhadair ainmeil ann an Inbhir Nis, a tha na miotagan a th'air Sheila anns an dealbh. Chaidh Sheila a dh'obair mar thidsear bun-sgoile agus tha i a-nis a' fuireach ann am Farrais. 'S e Aonghas MacMhathain am balach air an làimh chlì. Bha athair na chìobair aig Tuathanas na Creige Mòire, ach dh'fhàg an teaghlach an sgìre goirid an dèidh dhan dealbh a bhith air a togail. Tha Aonghas a-nis a' fuireach ann an Inbhir Pheofharain agus an dèidh measgachadh de dhreuchdan, tha e a-nis ag obair airson seirbheis pharsailean.
Chaidh a' chlann gu lèir dhan bhun-sgoil ann an Deimhidh. Bha cho beag de sgoilearan anns an sgoil 's gun robh iad uile anns an aon sheòmar teagaisg, leis an fheadhainn a b'òige nan suidhe aig beulaibh an t-seòmair agus an fheadhainn bu shine aig a' chùl. Ged a bha Aonghas a' fuireach grunn mhìltean air falbh bha e a' coiseachd dhan sgoil.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Spòrs san t-sneachd ann an Deimhidh

INBHIR NIS: Deimhidh 's Dùn Fhlicheadaidh

1950an

Deimhidh; Tuathanas na Creige Mòire; Seumas Nairn; sgoiltean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son