Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seirbheis Cuimhneachaidh Chùil Lodair
EXTERNAL ID
PAN_13_18
ÀITE
Cùil Lodair
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1954
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20393
KEYWORDS
blàir
Cùil Lodair
arm
blàr
am Prionnsa Teàrlach
Seumasaich
pìobaireachd
Culloden Anniversary Service

Tha Comunn Gàidhlig Inbhir Nis air a bhith a' cur seirbheis air dòigh gach bliadhna gus cuimhne a chumail air Blàr Chùil Lodair bho na 1920an. Mar as trice tha e air a chumail air an t-Sàbaid as fhaisge air an t-16mh dhen Ghiblean. Thathar a' cur blàth-fhleasgan air càrn a' bhlàir fhad 's a tha pìobaire a' cluich cumha.

Tha fichead troigh de dh'àirde anns a' chàrn agus tha an sgrìobhadh air ag ràdh:
"THE BATTLE OF CULLODEN WAS FOUGHT ON THIS MOOR 16TH APRIL 1746. THE GRAVES OF THE GALLANT HIGHLANDERS WHO FOUGHT FOR SCOTLAND & PRINCE CHARLIE ARE MARKED BY THE NAMES OF THEIR CLANS."

Chaidh Blàr Chùil Lodair a chur air an t-16mh dhen Ghiblean 1746 eadar na Seumasaich a bha a' toirt taic dhan Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart agus arm an Rìgh à Hanòbhar Seòras II. B' e seo deireadh a' chogaidh shìobhalta a thàinig gu bith air sgàth creideamh agus poileataics a roinn cinnidhean agus an dùthaich. Bha daoine mì-riaraichte le riaghladh an Rìgh Chaitligich, Seumas VII Alba agus II Shasainn, agus lean seo gu Uilleam à Orange a' seasamh na aghaidh airson an rìgh-chathair ann an 1688. Theich Seumas dhan Fhraing. B' e ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745-6 (am 'Forty-Five' mar a chanar ris) an t-strì mu dheireadh de ghrunnan oidhirpean neo-shoirbheachail air an uachdranachd Stiùbhartach a thoirt air ais chun an rìgh-chathair.

Chaidh Bratach nan Seumasach a thogail air an 19mh dhen Lùnastal 1745 aig Gleann Fhionnan le Teàrlach Eideard Stiùbhart air ainmeachadh mar thàinistear agus athair mar Rìgh Seumas VIII agus III. Choisich an t-arm aige a dh'ionnsaigh Lunnainn ach cha d'fhuair iad uiread de thaic 's a bha dùil aca. Thàinig iad chun a' cho-dhùnaidh gun tilleadh iad dhan Ghàidhealtachd. Bha arm le Uilleam Augustus, Diùc Chumberland agus am mac a b'òige aig Seòras II mar cheannard orra, as an dèidh. Choinnich an dà fheachd air mòinteach Dhruim Athaisidh (mar a bha air an àite aig an àm sin). Cha robh na Seumasaich cho lìonmhor, cha robh iad air an uidheamach gu math, agus cha robh buill-airm, stòras cogaidh no marc-shluagh gu leòr aca. Bha iad air a bhith caismeachd fad na h-oidhche roimhe air turas gun fheum agus bha an t-acras orra (bha iad air am biadh aca fhàgail ann an Inbhir Nis). A thuilleadh air an sin, bha làrach a' bhlàir freagarrach airson marc-shluagh agus canan Chumberland agus gu tur neo-fhreagarrach airson an dòigh a b'èifeachdaiche a bh'aig na Seumasaich - a' toirt ionnsaigh. Chaidh na Seumasaich a ruagadh ann an uair a thìde

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seirbheis Cuimhneachaidh Chùil Lodair

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

blàir; Cùil Lodair; arm; blàr; am Prionnsa Teàrlach; Seumasaich; pìobaireachd

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son