Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cala Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PAN_14_38
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20416
KEYWORDS
acarsaidean
carbadan
soithichean
bàtaichean
Inverness Harbour

Acarsaid Inbhir Nis, o Shràid a' Chladaich. Tha an làraidh le Companaidh Còmhdhail MhicDhonnchaidh, a bha stèidhichte anns an sgìre.

Chaidh a' chiad chidhe a thogail ann an Inbhir Nis mu 1650, is chosg e £300. B'urrainn soithichean suas ri 80 tunna a dhol ann. Chaidh cidhe ùr (Cidhe na Daingneachd) a thòiseachadh ann an 1725 ach cha deach a chrìochnachadh gu na 1790an air sgàth dìth airgid. Chaidh an dà chidhe a leasachadh tràth san 19mh linn. Chaidh cidhe Thornbush a thogail ann an 1817.

Chaidh Urras Acarsaid Inbhir Nis a stèidheachadh ann an Achd Acarsaid Inbhir Nis (1847). Chaidh leasachaidhean eile, a chosg £8,000, a dhèanamh ann an 1883, is rinn seo àrdachadh air na cìsean bhliadhnail o £1,000 gu faisg air £2,000.

Chaidh leasachaidhean a dhèanamh san 20mh linn cuideachd, mar àrdachadh ann an saimeant a' tighinn airson Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba is tuilleadh àitean-stòraidh ola is peatrail. Gheibh soithichean le tarraing-uisge suas gu 22 throigh tighinn ann

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cala Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

acarsaidean; carbadan; soithichean; bàtaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son