Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Seann Eaglais Àrd is Eaglais Shaor Greyfriars, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PAN_15_94
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an; 1960an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20463
KEYWORDS
creideamh
Old High Church and Greyfriars Free Church, Inverness

Ri taobh deas na deilbh seo chithear balla a tha na phàirt den t-Seann Àrd Eaglais a tha air Sràid na h-Eaglais ann an Inbhir Nis. 'S ann on 14mh linn a tha pàirt den tùr aice, ach chaidh a' chuid as motha a thogail san 18mh linn, agus chaidh pìosan eile a chur rithe san 19mh linn. Tha làrach na h-eaglais air a bhith na àite adhraidh o àm nan Ceilteach.

'S e am balla a tha ri taobh clì na deilbh pàirt de dh'Eaglais Shaor nam Manach Liath air an robh cuideachd Seann Eaglais na Gàidhlig. Chaidh Eaglais na Gàidhlig a chur air bhonn dìreach às dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715. Tha e air aithris gun tug an rìgh seachad sùim airgid ach an gabhadh eaglais a thogail, eaglais airson saighdearan dìleas an riaghaltais a bha sa ghearastan san sgìre agus aig an robh Gàidhlig, ach nach b' urrainn a dhol a dhèanamh adhradh san t-Seann Àrd Eaglais .

Air a' 5mh Màrt 1830, dh'inns an Inverness Journal mar a chaidh Ezekiel Caspar Auerbach, Iùbhach o Warsaw a bha trithead 's a còig bliadhna a dh'aois, a bhaisteadh 's a thoirt a-steach do chomann na h-Eaglais Ghàidhlig. Dh'inns an Journal gun robh an eaglais "crowded to excess...with persons anxious to witness a scene so novel in this part of the country".

Ann an 1954 chaidh an Eaglais Ghàidhlig a cheannach leis an Urr. Eòghann MacCuinn agus a choithional, a bha air sgaradh on Eaglais Shaor Chlèireach ann an 1936. Chaidh an togalach ath-ainmeachadh mar Eaglais Cuimhneachaidh MhicCuinn greiseag gu 1958 nuair a thàinig an coithional còmhla ri Eaglais Shaor na h-Alba agus a thàinig an t-ainm Eaglais Shaor nam Manach Liath air an togalach.

Ann an 1994, chaidh an togalach a reic, agus an-diugh 's e bùth leabhraichean a th' ann

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Seann Eaglais Àrd is Eaglais Shaor Greyfriars, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an; 1960an

creideamh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son