Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carbad air a tharraing le eich aig Taigh Baile Dhonnchaidh, an t-Eilean Dubh
EXTERNAL ID
PAN_16_64
ÀITE
Baile Dhonnchaidh
SGÌRE
Abhach
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Abhach
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20479
KEYWORDS
Carbad air a tarraing le eich
Oighreachd Baile Dhonnchaidh
Taigh Baile Dhonnchaidh
Seumas Fletcher
oighreachdan
Alasdair Ros
Amhach
Horse-drawn carriage at Rosehaugh House, Black Isle

'S ann le Taigh Baile Dhonnchaidh, ann an sgìre Amhach san Eilean Dubh, a bha an carbad seo. B' e Taigh Baile Dhonnchaidh aon de na taighean bu mhotha air a' Ghàidhealtachd. Chaidh a thogail dhan Fhear Urramach Ruaraidh MacCoinnich Sgatail ann an 1798. Cheannaich Seumas Fletcher à Amhach e ann an 1864. Bha Fletcher na dhuine beartach agus bha gnìomhachas teatha soirbheachail aige ann an Ceylon. Fhuair e an t-ailtire Alasdair Ros gus pìos a chur ris an taigh. Chuir Seumas Dùbhghlas Fletcher, a mhac, pìos eile ris an taigh.

Chaidh an taigh a leagail ann an 1959. Na latha fhèin chitheadh an taigh bho mhìltean air falbh. Bha fiù 's stèisean rèile prìbheideach aige. Bha taighean gloinne, àite spòrs, raon cneutaig, agus raon crolaidh (curling) ann. Bha stàbaill agus rùm acfhainn ann, agus cuideachd àite-gleidhidh charbad mar am fear a chì sibh san dealbh seo.

Aig àirde làithean an taigh bha 14 geamairean ag obair ann. Bha an oighreachd a' ruith eadar Athaigh (Eathie) san ear gu Poll Lochaidh (Munlochy) san iar

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carbad air a tharraing le eich aig Taigh Baile Dhonnchaidh, an t-Eilean Dubh

ROS: Abhach

1950an

Carbad air a tarraing le eich;Oighreachd Baile Dhonnchaidh; Taigh Baile Dhonnchaidh; Seumas Fletcher; oighreachdan; Alasdair Ros; Amhach

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son