Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sìm Crìsdean Iòseph Friseal, 15mh Mac Shimidh
EXTERNAL ID
PAN_16_66
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20481
KEYWORDS
Iarla Lovat
Lovat Scouts
airm
an Dàrna Cogadh
àiteachas
tuathanas
crodh
Simon Christopher Joseph Fraser, 15th Lord Lovat

Rugadh Sìm Crìsdean Iòseph Friseal, an t-15mh Iarla Lovat ann an 1911 agus ghabh e tiotalan an teaghlaich ann an 1933. B' e an 24mh MacShimidh (Ceann Cinnidh Clann Fhriseil na Mòrfhaich) cuideachd. Lean e athair, Sìm Friseal, an t-14mh Iarla Lovat a stèidhich na Lovat Scouts, san t-saighdearachd. Bha e na cheannard air na commandos aig àm an Dara Cogaidh agus chaidh a leòn nuair a thàinig iad air tìr ann an Normandy. Chuir Hitler mìle marc air beatha MhicShimidh ri linn na chuala e mu dhànachd mar shaighdear. Choisinn MacShimidh duais DSO agus Crois Shaighdearach (MC).

An dèidh a' chogaidh bha e ag obair do Winston Churchill mar theachdaire dìomhair do Stalin ann am Moscow. Thuirt Churchill ri Stalin gur e 'an duine bu shèimhe a riamh a chuir soithichean gu grùnnd na mara no a gheàrr amhaich duin' eile'. An dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth thòisich e air tuathanas air tac an teaghlaich ann an siorrachd Inbhir Nis agus fhuair e ainm mar fhear a bha mion-eòlach air gintinn cruidh. Bhàsaich e ann an 1995.

Anns an dealbh seo tha e a' bruidhinn aig Pàirce Thistle air Rathad Muileann an Rìgh. Ri cùl na deilbh tha rathad MhicEòghainn a chaidh ainmeachadh air Sir Alasdair MacEòghainn a bha na Phrobhaist air Inbhir Nis eadar 1925 agus 1931

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sìm Crìsdean Iòseph Friseal, 15mh Mac Shimidh

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

Iarla Lovat; Lovat Scouts; airm; an Dàrna Cogadh; àiteachas; tuathanas; crodh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son