Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàtaichean ann an Linne Mhoireibh
EXTERNAL ID
PAN_17_34
ÀITE
Linne Mhoireibh
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1954
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20488
KEYWORDS
soithichean
bàtaichean
tràlairean
iasgach
A' Phòlainn
iasg
Pòlach
Linne Mhoireibh
brataichean
ceannaichean
nèibhi
seòladairean
Ships in the Moray Firth

San dealbh seo tha bàta Pòlach, an Lechistan, tràlair Pòlach, agus bàta nèibhidh leis an àireamh M386. 'S ann an Gdynia, port air oirthir Baltic na Pòlainn eadar Gdansk agus Puck, a chaidh an Lechistan a chlàradh. Is e GDY.109 àireamh an tràlair, mar sin is dòcha gur ann à Gdynia a tha e cuideachd. 'S e sguabadair-mhèinnean clas Algerine a bh' ann an M386, HMS Welcome. A bharrachd air obair sguabadh nam mèinnean bha HMS Welcome cuideachd ri obair Seirbheis Dìon an Iasgaich a' cumail faire gu robh laghan an iasgaich air an leantainn.

Thathar den bheachd gu robh an tràlair a' cur na ghlac i air bòrd an Lechistan gus an gabhadh e giùlan air adhart. Nuair a dhèidheadh 'glacaidhean' an cur air bàta eile far a' chost, gnìomh air a bheil 'klondiking', bha na h-èisg sin air am meas a bhith fhathast nam pàirt den chuibhreann no cuota aig bàt-iasgaich.

Dh'fhaodadh gur e am bratach air an Lechistan Bratach na Stàite agus nan Ceannaiche Pòlach air a bheil srianag dhearg aig a' bhun, srianag gheal aig a' mhullach agus iolaire gheal ann am bocsa dearg am meadhan na srianaig ghil

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàtaichean ann an Linne Mhoireibh

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

soithichean ; bàtaichean; tràlairean; iasgach; A' Phòlainn; iasg; Pòlach; Linne Mhoireibh; brataichean; ceannaichean; nèibhi; seòladairean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son