Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-smàlaidh aig Ostail Phàirc a' Chnuic, air a sgrios le teine, 1959
EXTERNAL ID
PAN_17_FIREINCONVENT3
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1959
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20523
KEYWORDS
manachainnean
sgoiltean
Ordugh Franciscan
Peathraichean Notre Dame
Firemen at Hill Park Hostel, gutted by fire, 1959

Air an 12 dhen Ògmhios 1959, sgrios teine Pàirc a' Chnuic, ostail airson nigheanan-sgoile Caitligeach.

Ann an 1845 thàinig mnathan-cràbhaidh a dh' Inbhir Nis bhon Taigh Mhàthaireil aca ann an Glaschu. Bha iad stèidhichte an toiseach air Sràid an Rìgh, agus an uairsin ghluais iad gu taigh a bha ceangailte ri Eaglais Naoimh Mhoire ann an Sràid Hunndaidh. Bha an Sgoil Chràbhaidh a' tarraing bhòrdairean bho gach ceàrn dhen dùthaich. Ann an 1935 chaidh na mnathan-cràbhaidh an gairm air ais do Ghlaschu agus chaidh Peathraichean Notre Dame an cur nan àite agus ghluais iadsan an Sgoil gu Loids Hunndaidh, air oisean Rathad Chuil Dubh Uillt agus Rathad a' Chinn a Deas. B'ann leotha cuideachd a bha Pàirc a' Chnuic, an togalach a bha ceangailte ris, far a bheil Slios an Trinnein an-diugh, agus a bha air a chleachdadh mar ostail do nigheanan Caitligeach a bha a' fuireach taobh a-muigh Inbhir Nis agus a bha a' dol dhan Acadamaidh Rìoghail agus do dh' Àrd Sgoil Inbhir Nis.

Ann an 1953 thug Peathraichean Notre Dame thairis e do mhnathan-cràbhaidh Òrdugh La Sagesse (nigheanan a' ghliocais) a chum an ostail agus an sgoil a' dol. Chaidh Pàirc a' Chnuic a sgrios le teine ann an 1959. Bha 'Inverness Courier' an t-16mh dhen Ògmhios ag aithris mar a fhuair na bha a' fuireach ann às "the way downstairs to the telephone barred by flames. Assisted by some schoolgirls, she immediately set about tying sheets together to make a rope, then started to climb down it from the top floor, 30 feet up. When only a few feet down, however, she lost her grip and fell to the ground, breaking her right shoulder bone. After climbing out of a top storey window, Chrissie Buchanan (13), a schoolgirl from Castlebay, Barra, missed her grasp on a ronepipe and fell 30 feet. She sustained a compound fracture of her left leg, and both she and Sister Rose were taken to Raigmore Hospital. Miss Edna Walton, Oban, an Inverness High School teacher, led the seven other girls in residence to safety"

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-smàlaidh aig Ostail Phàirc a' Chnuic, air a sgrios le teine, 1959

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

manachainnean; sgoiltean; Ordugh Franciscan; Peathraichean Notre Dame

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son