Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid Acadamaidh, Inbhir Nis, fo shneachda
EXTERNAL ID
PAN_18_028
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20539
KEYWORDS
sneachd
sneachda
stoirmean
sìde
droch shìde
càraichean
geamhradh
carraighean cuimhne
taighean-òsta
bailtean mòra
sgoiltean
Academy Street, Inverness, in the snow

Chithear an seo Sràid an Acadamaidh ann an Inbhir Nis, fo shneachda. B' e an t-Sràid Ùr a bh' air an rathad an toiseach, ach 's ann bhon t-seann togalach aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, a chaidh a thogail ann an 1792, a fhuair e an t-ainm. Bha an sgoil sin ann gu ruig 1896, nuair a ghluais an Acadamaidh suas an cnoc gu Rathad Midmills.

Air taobh a deas an deilbh chithear Carragh Cuimhne nan Camshronach, ann an Ceàrnag an Stèisein, mu choinneamh doras an stèisein-rèile fhèin. Tha an ìomhaigh cloiche, de Ghàidheal Chamshroin na Banrigh agus cat Èipheiteach, no 'Sphinx' aig a chasan, a' comharrachadh saighdearan nan Camshronaich a thuit aig na h-iomairtean san Èipheit agus san t-Sudàn ann an 1882 agus 1885. Chaidh an ìomhaigh a nochdadh ann an 1893 le Loch Iall, ceann-cinnidh chlann Chamshroin, agus chaidh a thogail le rèisimeid an 79mh Gàidheil Chamshroin na Banrigh. B' e G Wade o Lunnainn an neach-gràbhalaidh.

'S e an togalach an taobh-sa den Charragh-cuimhne Taigh-òsta an Stèisein, a chaidh a dheilbh le Matthews is Laurie, san stoidhle Eadailteach, agus a bha ullamh ann an 1859. Chaidh ath-ainmeachadh a dhèanamh dheth mar an 'Royal Highland Hotel' sa Chèitean 2000. Taobh thall a' charraigh-chuimhne tha an togalach a bh' aig Banca Nàiseanta na h-Alba. Beagan nas fhaide shìos an t-sràid chithear doras garaids MhicRath & Dick.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid Acadamaidh, Inbhir Nis, fo shneachda

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

sneachd; sneachda; stoirmean; sìde; droch shìde; càraichean; geamhradh; carraighean cuimhne; taighean-òsta; bailtean mòra; sgoiltean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son