- TIOTAL
- Seud-muineil airgid ga thoirt do bhean a' Phrobhaist, 1955
- EXTERNAL ID
- PAN_19_051
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1955
- LINN
- 1950an
- CRUTHADAIR
- J Nairn
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 20577
- KEYWORDS
- probhaistean
borghan rìoghail
bailtean malairt rìoghail
bailtean rìoghail
bùirdeasach
bùirdeiseach
saoranaich

Air 14 Giblean 1955 aig fàilteachas a chaidh a chumail sa mhadainn ann an Taigh a' Bhaile, Inbhir Nis, chaidh seud-muineil le òradh airgid le suaicheantas Borgh Inbhir Nis a thoirt don Phrobhaist Seumas Mac an Tòisich Griogair airson a bhean. Bhiodh i a' cleachdadh seo aig tachartasan catharra. Chaidh a chur timcheall gualann a' Bh-uas Griogair le Mgr Teàrlach MacRath, Oifigear na Comhairle. Chaidh a thoirt dhi dìreach beagan uair a thìde ro thachartas na b'fhaide den latha anns an Taigh-dhealbh Playhouse nuair a chaidh Saorsa Borgh Rìaghail Inbhir Nis a bhuileachadh air an Fhìor Urr Tòmas MacIain, Cathraiche Bòrd Dealain-uisge Ceann a Tuath na h-Alba; Sir Ùisdean MacCoinnich, seann Probhaist Inbhir Nis; agus an Caiptean Anthony Miers, a rinn cliù dha fhèin mar chommandair bàta-tumaidh ann an 1942.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive