Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Pàirc Ball-coise Club nan Cailleannach, fo shneachd
EXTERNAL ID
PAN_22_74
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20646
KEYWORDS
sneachd
sneachda
cuitheachan shneachda
seallaidhean geamhraidh
pàircean ball-coise
ball-coise
taighean-staile
clubaichean ball-coise
Caledonian FC Park under snow

B' ann air Sràid Telford, ri taobh taigh-staile a' Ghlinn Mhòir agus Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir (no Sligh'-uisge na h-Alba), a bha dachaigh Club ball-coise nan Cailleannach, no 'Caley', mar a bh' aca air. Chaidh an club a stèidheachadh ann an 1885/86 agus bha e na bhall den fheadhainn a stèidhich Lìog Ball-coise na Gàidhealtachd ann an 1893. Ghabhadh an crann-seasamh a chithear an seo 550 luchd-coimhid nan suidhe agus ghabh e àite fear na bu tràithe a sgriosadh ann an teine ann an 1950.

'S e lèintean agus stocainnean de ghorm rìoghail agus briogais ghoirid gheal a bhiodh orra a' cluich. Choisinn iad Lìog na Gàidhealtachd ochd turas deug mus deach iad còmhla ri an luchd-aghaidh, Club Ball-coise Chluaran Inbhir Nis, ann an 1994, a' dèanamh Cluaran Cailleanach, a-rithist Club Ball-coise Chluaran Chailleannach Inbhir Nis, no Inverness Caledonian Thistle FC.

Chaidh taigh-staile a' Ghlinn Mhòir a chur air bhonn ann an 1892 le Iain MacFhionnlaigh agus Iain Birnie agus dhùin e ann an 1983 nuair nach robh e tuilleadh a' dèanamh prothaid. Chaidh a leagail greis an dèidh sin ach an deidheadh aonadan malairt a thogail na àite.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Pàirc Ball-coise Club nan Cailleannach, fo shneachd

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

sneachd; sneachda; cuitheachan shneachda; seallaidhean geamhraidh; pàircean ball-coise; ball-coise; taighean-staile; clubaichean ball-coise

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son