Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bus na h-aiseig
EXTERNAL ID
PAN_26_65
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1920s
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20717
KEYWORDS
busaichean
conductairean bus
aiseagan
bàtaichean aiseig
drochaidean
Ferry Bus

Tha am bus Vulcan seo làn luchd-siubhail a tha a' feitheimh ri dhol eadar Ceasag a Deas agus meadhan Inbhir Nis. Tha a' mhòr-chuid den luchd-siubhail air an aiseag a ghabhail bho Cheasag a Tuath anns an Eilean Dubh. Is e balach beag a th' anns a' chonductor a tha a' gabhail nam fàraidhean. Tha nota air taobh a' bhus ag ràdh gur e 12 mìle san uair an t-astar as motha a tha ceadaichte do charbad den t-seòrsa.

Is e slighe-uisge àrsaidh eadar Inbhir Nis agus an t-Eilean Dubh a bh' ann an aiseag Cheasaig. Bhiodh tuathanaich is daoine eile ga chleachdadh gu tric gus slighe fada timcheall air ceann Linne Fharair a sheachnadh. Bha an aiseag prìobhaideach gu 1939 nuair a ghabh Comhairle Baile Inbhir Nis agus Comhairle Rois is Chrombaigh an t-seirbheis thairis. Is e aiseag do luchd-coiseachd a-mhàin a bh' ann gus deireadh nan 1940an nuair a chaidh aiseag-charabadan a thoirt a-steach. Thàinig an t-seirbheis gu crìch ann an 1982 nuair a dh'fhosgail Drochaid Cheasaig.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bus na h-aiseig

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920s

busaichean; conductairean bus; aiseagan; bàtaichean aiseig; drochaidean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son