Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Bhana-phrionnsa Mairead ann am Port Rìgh, 1956
EXTERNAL ID
PAN_30_056
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
14 An Lùnastal 1956
LINN
1950s
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
20848
KEYWORDS
rìoghail
teaghlach rìoghail
tursan rìoghail
càraichean
seann chàraichean
Princess Margaret in Portree, 1956

An 14mh Lùnastail 1956, rinn a' Bhanrigh Ealasaid ll, am Prionnsa Filip agus a' Bhana-phrionnsa Mairead cuairt dhan Eilean Sgitheanach. Thàinig iad air tìr bhon iachta rìoghail, Britannia, ann an Caol Àcain far an do chuir am Morair Leifteanant, am Morair MacDhòmhnaill agus daoine uasail eile na sgìre fàilte orra.

An dèidh dhaibh na rudan foirmeil a dhèanamh, chaidh am Prionnsa Filip air cùl cuibhle Hillman le mullach a ghabhadh fosgladh agus dhraibh e a' Bhanrigh gu Port Rìgh. San dealbh-chamara seo chithear Ceàrnag Shomhairle ann am Port Rìgh air a sgeadachadh le brataichean is flagannan gus an tachartas a chomharrachadh.

Tha prìomh dhaoine air an loidhneadh suas faisg air Carragh-cuimhne a' Chogaidh far an tachair iad ris a' bhuidhinn rìoghail, agus tha sluagh mòr às an sgìre a' coimhead na tha a' dol bho bheulaibh Eaglais na h-Alba agus Thalla nan Clachairean.

Chithear a' Bhana-phrionnsa Mairead an seo taobh thall a' chàir a' feitheamh gus an tèid i còmhla ris a' Bhanrigh agus am Prionnsa Filip airson nan deas-ghnàthan. An dèidh dhaibh an dleasdanas a dhèanamh ann am Port Rìgh, chaidh am pàrtaidh rìoghail air adhart gu Caisteal Dhùin Bheagain gu biadh tràth-diathad còmhla ris an Deam Flòraidh NicLeòid, agus thàinig an iachta Rìoghail thuca ann an Dùn Bheagan na b' fhaide air an latha.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Bhana-phrionnsa Mairead ann am Port Rìgh, 1956

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950s

rìoghail; teaghlach rìoghail; tursan rìoghail; càraichean; seann chàraichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son