Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Raon-adhair Steòrnabhaigh
EXTERNAL ID
PAN_STORNOWAY_AIRFIELD
ÀITE
Steòrnabhagh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
J Nairn
AITHNEACHADH MAOINE
20907
KEYWORDS
raoin-adhair
puirt-adhair
itealain
raoin-laighe
raoin-itealan
companaidhean-itealain
còmhdhail
Stornoway Airfield

'S e Caiptean E E Fresson a thòisich a' chiad seirbhis adhair gu Steòrnabhagh, ann an Eilean Leòdhais, ann an 1934. Bha pàirt den raon-ghoilf air a chleachdadh mar raon-laighe airson a' chiad phleana seo.

Chaidh port-adhair sìobhalta fhosgladh faisg air Steòrnabhagh, Leòdhas, ann an 1937. Anns a' Ghiblean 1941 bha am port-adhair fo smachd Fheachd an Adhair airson ionnsaighean an aghaidh bhàtaichean-aigeann is shoithichean. B' e àite cudromach a bh'ann do dh'itealain nan co-chòmhragaichean a bha a' dol thar A' Chuain Shiar. Gheibheadh itealain nach dèidheadh ach astar goirid thar a' chuain, beag air bheag, a-null ann an ceumannan: Steòrnabhagh - Innis Tìle - A' Ghraonlainn - Talamh an Èisg - Na Stàitean Aonaichte.

Bha NATO a' cleachdadh a' phort-adhair mar Champa Iomairt Adhartach airson itealain a bha a' dìon na nèibhi eadar 1986 is 1993. Tha am port-adhair a' toirt taic do Sheirbhis Charbad-eiridinn na h-Alba is tha heileacoptair nam maor-chladaich stèidhichte an sin cuideachd.

Tha am port-adhair beagan is dà mhìle à meadhan Steòrnabhaigh, is tha slighean-adhair a' falbh às an sin gu Beinn a' Bhaoghla, Barraigh, Inbhir Nis, Glaschu is Dùn Eideann

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Raon-adhair Steòrnabhaigh

ROS: Steòrnabhagh

1950an

raoin-adhair; puirt-adhair; itealain; raoin-laighe; raoin-itealan; companaidhean-itealain; còmhdhail

J Nairn

Jimmy Nairn & Son