Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàtaichean ann an Acarsaid Steòrnabhaigh
EXTERNAL ID
PAN_SY346_MINNA
ÀITE
Steòrnabhagh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
J Nairn
AITHNEACHADH MAOINE
20908
KEYWORDS
bàtaichean
soithichean
acarsaidean
cidheachan
clàradh
Boats in Stornoway Harbour

Tha fear de na prìomh acarsaidean nàdarra san t-saoghal ann an Steòrnabhagh, prìomh bhaile nan Eilean Siar. Bha còrr is 1,000 bàta stèidhichte ann nuair a bha sgadan pailt anns na 1800an. Bha mòran de dh' iasg geal is de sgadan ga chur gu tìr ann.
Ann an 1865, chaidh Coimisean Cidhe is Acarsaid Steòrnabhaigh a stèidheachadh airson coimhead an dèidh na h-acarsaid.

An-diugh, tha soithichean chompanaidhean ola, soithichean-luchd malairteach is gnìomhachais, aiseag nan carbadan gu Ulapul is sgothan prìbheideach ga thadhal. Tha mòran ag iasgach cuideachd, ach chan eil dad faisg air 1,000 bàta ann.

Chithear trì bàtaichean san dealbh seo. 'S e bàtaichean-iasgaich clàraichte ann an Steòrnabhagh a th'ann an dhà dhiubh - SY 346 is SY 704. 'S e 'Minna' a th'air an treas tè. B' e am 'Minna' soitheach Dìon an Iasgaich a chaidh a chur air bhog aig gàradh Denny ann an Dùn Bhreatainn ann an 1939. Chaidh am bàta a chur fo òrdugh-solair aig a' Chabhlach Rìoghail tron Dàrna Cogadh ach chaidh i air ais gu a dleasdanas aig Roinn an Iasgaich ann an 1946. Chaidh a reic ann an 1974, air ath-ainmeachadh an 'Ocean Observer', agus bha i an sàs ann an obair shuirbhidh a' buntainn do ghnìomhachas na h-ola gus an deach cur às dhi ann an 1978.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàtaichean ann an Acarsaid Steòrnabhaigh

ROS: Steòrnabhagh

1950an

bàtaichean; soithichean; acarsaidean; cidheachan; clàradh

J Nairn

Jimmy Nairn & Son