Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Croitear a' fighe air beairt Hattersley
EXTERNAL ID
PAN_WEAVER_1
ÀITE
Steòrnabhagh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
J Nairn
AITHNEACHADH MAOINE
20909
KEYWORDS
clòithean
obair-aodaich
saothrachadh
breabadaireachd
cinneasachadh
gnìomhachas bothain
beairtean
breabadairean
Crofter Weaver on a Hattersley loom

A rèir Achd Pàrlamaid o 1993, 's e 'Clò Hearach' clò a th'air fhidhe le làimh ann an Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist is Barraigh anns na dachaighean, a' cleachdadh clòimh fhìor-ghlan air a dath is air a snìomh sna h-Eileanan. Tha an lagh a' dìon a' chlò gus nach bi breug-shamhlan air a' mhargaidh.

'S ann le Iarla Dhunmore a bha oighreachd Na Hearadh tràth san t-17mh linn. Mhothaich a bhean do na sgilean fighe iongantach a bh'aig dithis phiuthair à Srannda ann an ceann a deas Na Hearadh. Bha na peathraichean air an ainmeachadh mar 'Peathraichean Phàislig', oir bha iad air an trèanadh ann am Pàislig. Mhothaich Ban-iarla Dhunmore gun robh cothrom ann clò a reic is chuir I nigheanan a Phàislig a chum trèanadh fhaighinn. 'S e seo a thòisich gnìomhachas a' chlò Hearaich. Bha an clò mòr-chòrdte le daoine a bhiodh a' sealg is ag iasgach air oighreachdan, oir bha e maireannach. Dh'fhàs e cumanta, is thòisich daoine air eileanan eile a' breabaidearachd cuideachd.

B' e obair shlaodach a bh'ann an dèanamh clò, oir b' e obair-làimhe a bh'ann gu lèir. Chaidh innealan a chleachdadh airson cuid den obair. Chaidh a' chiad mhuileann càrdaidh (a' deasachadh clòimh airson a snìomh) fhosgladh air an Tairbeart, Na Hearadh, ann an 1900, is t'èile ann an Steòrnabhagh ann an 1903. Bha tuilleadh dhaoine ag iarraidh clò mar thoradh air an seo, is chaidh muilnean càrdaidh a thogail, ach bha croitearan a bha nam breabadairean cuideachd a' fighe clò nan dachaighean. A dh'aindeoin an ainm 'Clò Hearach', thàinig Steòrnabhagh gu bhith aig cridhe a' ghnìomhachais is 's e croitearan à Leòdhas a tha a' dèanamh a' mhòr-chuid den chlò.

'S e beairtean fighe a bhiodh air an cleachdadh an toiseach, ach bha na beairtean stàilinn Hattersley a' tighinn nan àite anns na 1920an. Bha iad seo nas èifeachdaiche. Tha beairtean dà-leudach Bonas-Griffith, a thòisich ann an 1996 is a tha comasach air clò nas aotraime is nas leatha a dhèanamh, a' tighinn a-steach an àite nam beairtean seo. 'S e beairt Hattersley a th'anns an dealbh

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Croitear a' fighe air beairt Hattersley

ROS: Steòrnabhagh

1950an

clòithean; obair-aodaich; saothrachadh; breabadaireachd; cinneasachadh; gnìomhachas bothain; beairtean; breabadairean

J Nairn

Jimmy Nairn & Son