Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cìobair le chù
EXTERNAL ID
PAW18356A
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1952
LINN
1950an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21000
KEYWORDS
caoraich
cìobairean
coin-chaorach
deuchainnean choin-chaorach
Longman
Shepherd and dog

Bha an cìobair seo agus a chù a' gabhail pàirt ann an Deuchainnean Eadar-nàiseanta nan Cù-chaorach aig an Longman, Inbhir Nis, eadar 18mh is 20mh Sultain 1952. Bha na deuchainnean ann a h-uile bliadhna, air an cur air dòigh le Comann Eadar-nàiseanta nan Cù-chaorach do cho-fharpaisich à Sasainn, Alba is a' Chuimrigh. B' e seo a' chiad turas a bha iad air tighinn don Ghàidhealtachd. Bha dà chìobair dheug agus an coin anns gach sgioba nàiseanta, agus 's iadsan a bh' air na co-fharpaisean a chosnadh sna dùthchannan aca fhèin.

Bha deuchainnean chon-chaorach cumanta ann an sgìrean tuathanais-chnoc. Tha e air aithris gun robh na ciad dheuchainnean a th' air chlàr ann an 1873 agus gur ann ann am Bala sa Chuimrigh a Tuath a bha sin, ach bha tachartasan coltach ris air an cumail an Alba faisg air an aon àm. Ann an 1906 chuireadh Comann Eadar-nàiseanta nan Con-chaorach air bhonn ann an Haddington ann an Lodainn an Ear, agus b' e an t-amas a bhith a' brosnachadh ùidh sa chìobair agus na dhreuchd, agus cuideachd a bhith a' toirt piseach air a' chù-chaorach fhèin. Bha an Comann deimhinne gun robh còir aig na deuchainnean a bhith cho coltach ri dòighean obrach àbhaisteach nan cnoc 's a ghabhadh

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cìobair le chù

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

caoraich; cìobairean; coin-chaorach; deuchainnean choin-chaorach; Longman

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive