Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Deuchainnean Eadar-nàiseanta nan Cù-chaorach
EXTERNAL ID
PAW18356C
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1952
LINN
1950an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21002
KEYWORDS
caoraich
cìobairean
coin-chaorach
deuchainnean chon-chaorach
Longman
International Sheep Dog Trials

Chaidh Deuchainnean Eadar-nàiseanta nan Cù-chaorach a chumail aig an Longman, Inbhir Nis, eadar 18mh is 20mh Sultain 1952. Bha na deuchainnean ann a h-uile bliadhna, air an cur air dòigh le Comann Eadar-nàiseanta nan Cù-chaorach do cho-fharpaisich à Sasainn, Alba is a' Chuimrigh. Tha e inntinneach a chuimhneachadh gun robh an Longman san latha sin na àite fosgailte, ged a tha e an-diugh na oighreachd ghnìomhachais. Chosg e 2/6 (dà thasdan is sia sgillinn) gus faighinn a-steach dhan achadh fhèin, ach bha seataichean ann fo fhasgadh do 1000 neach agus bha sin a' cosg 5/- (còig tasdain).

Bu chòir do na deuchainnean a bhith cho coltach ri dòighean obrach àbhaisteach nan cnoc 's a ghabhas. Tha na cìobairean a' stiùireadh an cuid chon le feadalaich, siosarnaich no le gluasadan làimhe no coise. Feumaidh na coin sùileachadh ri gluasad nan caorach agus a bhith eòlach air an rud a nì iad ma chlisgeas na caoraich. 'S e ùmhlachd is gluasad ann an deagh àm na feartan a th' air am meas, mar fhianais air cho aonaichte 's a tha an cù is an cìobair

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Deuchainnean Eadar-nàiseanta nan Cù-chaorach

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

caoraich; cìobairean; coin-chaorach; deuchainnean chon-chaorach; Longman

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive