Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Duaisean aig deuchainnean choin
EXTERNAL ID
PAW18356O
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1952
LINN
1950an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21012
KEYWORDS
caoraich
cìobairean
coin-chaorach
deuchainnean chon-chaorach
Longman
Prize-giving at sheep dog trials

Chaidh Deuchainnean Eadar-nàiseanta nan Cù-chaorach an cumail aig an Longman, Inbhir Nis, eadar 18mh is 20mh Sultain 1952. Bha na deuchainnean ann a h-uile bliadhna, air an cur air dòigh le Comann Eadarnàiseanta nan Cù-chaorach do cho-fharpaisich à Sasainn, Alba is a' Chuimrigh. B' e seo a' chiad turas a bha iad air tighinn don Ghàidhealtachd.

Chaidh na duaisean an toirt seachad an turas seo leis a' Bh-Uas Kay Grigor, bean Probhaist J.M. Grigor.

'S e Alba a thog a' chuid a bu mhotha de na duaisean air a' chiad latha. Choisinn Mgr Seòras Redpath à Jedburgh agus a chù, Moss, Cuach Dhùbhlain nan cìobairean. Choisinn Mgr Uilleam Work à Hawick le a choin Ken is Dave Sgiath Àrd-fharpais an Dàrna Mostyn airson chàraidean.

'S e cìobairean às a' Chuimrigh a ghabh a' chiad 's an dara àite san àrd-fharpais de chìobair le aon chù a ghabh àite fad dà latha às dèidh sin. 'S e Albannaich a thog na ceithir àiteachan às dèidh sin. Bha droch ruith Dihaoine aig an aon cho-fharpaiseach bhon taobh a tuath, Mgr J. MacFhearchair às Inbhir Nis, agus cha d'fhuair e troimhe do na cuairtean deireannach Disathairne. 'S e Alba a thog àrd-fharpais nan sgiobaidhean

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Duaisean aig deuchainnean choin

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

caoraich; cìobairean; coin-chaorach; deuchainnean chon-chaorach; Longman

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive